Gaelic Luke 2:1-20

1) Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a-mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas. 2) (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.) 3) Agus chaidh iad uile a-chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin. 4) Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh, 5) A-chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mòr-thorrach. 6) Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h-inbhe, a chum i a bhith air a h-aisead. 7) Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda. 8) Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a' fantainn a-muigh, agus a' dèanamh faire-oidhche air an treud. 9) Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr. 10) Agus thubhairt an t-aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh: 11) Oir rugadh dhuibh an-diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna. 12) Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich. 13) Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a' moladh Dhè, agus ag ràdh, 14) Glòir do Dhia anns na h-àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine. 15) Agus thàrladh, nuair a dh'fhalbh na h-aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a-nis eadhon do bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh'fhoillsich an Tighearna dhuinn. 16) Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich. 17) Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an nì a dh'innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo. 18) Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh'innseadh dhaibh leis na buachaillean. 19) Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a' beachd-smaoineachadh orra na cridhe. 20) Agus thill na buachaillean, a' tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.