1

Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil 1 Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal còmhla ri Dia, agus b’ e am Facal Dia. 2 Bha e còmhla ri Dia anns an toiseach. 3 Chaidh a h-uile rud a dhèanamh troimhesan; agus às aonais-san cha deach aon rud a dhèanamh a chaidh a dhèanamh. 4 Annsan bha beatha, agus b’ i a’ bheatha sin solas dhaoine. 5 Tha an solas a’ soillseachadh anns an dorchadas, ach cha tug an dorchadas buaidh air. 6 Thàinig duine a chaidh a chur o Dhia; b’ e ainm-san Eòin. 7 Thàinig e mar fhianais airson fianais a thoirt mun t-solas, gus an creideadh na h-uile troimhesan. 8 Cha b’ esan idir an solas; ach thàinig e mar fhianais mun t-solas. 9 Bha an solas fìor, a tha a’ soillseachadh a h-uile neach, a’ tighinn dhan t-saoghal. 10 Bha e anns an t-saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh’aithnich an saoghal e. 11 Thàinig e gu a chuid fhèin, ach cha do ghabh a chuid fhèin ris. 12 Ach dhan fheadhainn a ghabh ris, dhan fheadhainn a chreid na ainm, thug e dhaibh còir a bhith nan cloinn do Dhia – 13 a rugadh chan ann o fhuil, no o mhiann na feòla, no o thoil duine, ach o Dhia. 14 Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil agus ghabh e còmhnaidh nar measg. Chunnaic sinne a ghlòir-san, coltach ri glòir an Aon-ghin a thàinig on Athair, làn gràis agus fìrinn. 15 Tha Eòin a’ toirt fianais ma dheidhinn. Tha e ag èigheach, ag ràdh, “Is e seo esan air an do bhruidhinn mi: ‘Tha am fear a tha a’ tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn ’s gun robh e romham.’” 16 Às a lànachd-san fhuair sinn uile gràs an dèidh gràis. 17 Oir chaidh an lagh a thoirt tro Mhaois; ach thàinig gràs agus fìrinn tro Ìosa Crìosd. 18 Chan fhaca neach sam bith Dia riamh, ach rinn Dia an t-Aon-ghin Mic, a tha ann an com an Athar, follaiseach e.Eòin Baistidh a’ dol às àicheadh gur esan an Crìosd 19 A-nis b’ e seo fianais Eòin nuair a chuir Iùdhaich Ierusaleim sagartan agus Lèbhithich a dh’fhaighneachd dha, “Cò thusa?” 20 Dh’aidich e agus cha deach e às àicheadh, ach dh’aidich e gu saor-thoileach, “Cha mhise an Crìosd.” 21 Dh’fhaighnich iad dha, “Dè ma-thà? An tusa Eliah?” Thuirt e, “Cha mhi.” “An tu am Fàidh?” Fhreagair e, “Cha mhi.” 22 Mu dheireadh thuirt iad, “Cò thu? Thoir freagairt dhuinn a bheir sinn air ais chun na feadhna a chuir a-mach sinn. Dè a th’ agad ri ràdh mud dheidhinn fhèin?” 23 Thuirt Eòin ann am faclan Isaiah am fàidh, “Is mise guth neach ag èigheach anns an fhàsach, ‘Dèanaibh dìreach slighe an Tighearna.’” 24 A-nis dh’fhaighnich feadhainn dhe na Pharasaich a chaidh a chur a-mach dha, 25 “Carson ma-thà a tha thu a’ baisteadh mura tu an Crìosd, no Eliah, no am Fàidh?” 26 Fhreagair Eòin, “Tha mise a’ baisteadh le uisge, ach tha fear na sheasamh nur measg nach aithne dhuibh. 27 Is esan am fear a tha a’ tighinn às mo dhèidh, agus nach airidh mise air barraill a chuarain fhuasgladh.” 28 Thachair seo ann am Betani air taobh thall Iòrdain, far an robh Eòin a’ baisteadh.Ìosa Uan Dhè 29 Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a’ tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t-saoghail! 30 Is e seo esan a bha mi a’ ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Tha fear a tha a’ tighinn às mo dhèidh air thoiseach orm a chionn ’s gun robh e romham.’ 31 Cha b’ aithne dhomh fhèin idir e, ach airson’s gum biodh e air fhoillseachadh do dh’Israel, thàinig mi a’ baisteadh le uisge.” 32 An uair sin thug Eòin an fhianais seo: “Chunnaic mi an Spiorad a’ tighinn a-nuas o nèamh mar chalman agus a’ fuireach air. 33 Cha bhithinn air a bhith eòlach air, mura biodh am fear a chuir mi a bhaisteadh le uisge air innse dhomh, ‘Am fear air am faic thu an Spiorad a’ tighinn a-nuas agus a’ fuireach, ’s esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.’ 34 Chunnaic mi agus tha mi a’ toirt fianais gur e seo Mac Dhè.”Ciad dheisciobail Ìosa 35 Air an ath latha bha Eòin an siud a-rithist còmhla ri dithis dhe a dheisciobail. 36 Nuair a chunnaic e Ìosa a’ dol seachad, thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè!” 37 Nuair a chuala an dithis dheisciobal e ag ràdh seo, lean iad Ìosa. 38 A’ tionndadh mun cuairt, chunnaic Ìosa iad a’ leantainn agus dh’fhaighnich e, “Dè tha sibh ag iarraidh?” Thuirt iad, “A Rabaidh” (a tha a’ ciallachadh ‘Fear-teagaisg’), “càit a bheil thu a’ fuireach?” 39 “Thigibh,” fhreagair e, “agus chì sibh.” Agus dh’fhalbh iad agus chunnaic iad far an robh e a’ fuireach, agus chuir iad seachad an latha sin còmhla ris. Bha e mu cheithir uairean feasgar. 40 B’ e Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, fear dhen dithis a chuala na thuirt Eòin agus a lean Ìosa. 41 B’ e a’ chiad rud a rinn Anndra a bhràthair Sìmon a lorg agus innse dha, “Fhuair sinn am Mesiah” (’s e sin Crìosd). 42 Thug e gu Ìosa e. Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Is tusa Sìmon mac Eòin. Bidh Cèphas air a ghabhail ort” (’s e sin air eadar-theangachadh, Peadar).Ìosa a’ gairm Philip agus Natànael 43 Air an ath latha chuir Ìosa roimhe a dhol a Ghalile. Fhuair e Philip agus thuirt e ris, “Lean mise.” 44 Bha Philip o Bhetsaida, baile Anndra agus Pheadair. 45 Fhuair Philip Natànael agus dh’innis e dha, “Fhuair sinne am fear mun do sgrìobh Maois anns an Lagh, agus mun do sgrìobh na fàidhean cuideachd – Ìosa o Nàsaret, mac Iòsaiph.” 46 “An tig rud math sam bith a-mach à Nàsaret?” dh’fhaighnich Natànael. Thuirt Philip, “Thig agus faic.” 47 Nuair a chunnaic Ìosa Natànael a’ tighinn thuige, thuirt e ma dheidhinn, “’S e seo fìor Israeleach, anns nach eil cealg.” 48 “Ciamar as aithne dhut mi?” dh’fhaighnich Natànael. Fhreagair Ìosa, “Chunnaic mi thu nuair a bha thu fhathast fon chrann-fhìge mun do ghairm Philip ort.” 49 An uair sin fhreagair Natànael e, “A Rabaidh, is tusa Mac Dhè; is tusa Rìgh Israeil.” 50 Fhreagair Ìosa, “Tha thu a’ creidsinn a chionn ’s gun do dh’innis mi dhut gum faca mi thu fon chrann-fhìge. Chì thu rudan nas motha na sin.” 51 An uair sin thuirt e ris, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chì sibh nèamh air fhosgladh, agus ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ tighinn a-nuas air Mac an Duine.”

2

Ìosa a’ tionndadh uisge gu fìon 1 Air an treas latha bha banais ann an Càna Ghalile. Bha màthair Ìosa an sin, 2 agus fhuair Ìosa agus a dheisciobail cuideachd cuireadh chun na bainnse. 3 Nuair a theirig am fìon, thuirt màthair Ìosa ris, “Chan eil an còrr fìon aca.” 4 Thuirt Ìosa, “Dè an gnothach a th’ aige sin rinne, a bhoireannaich? Cha tàinig m’ uair-sa fhathast.” 5 Thuirt a mhàthair ris na seirbheisich, “Dèanaibh ge b’ e dè a dh’iarras e oirbh.” 6 A-nis bha sia soithichean cloiche airson uisge an sin; an seòrsa a tha na h-Iùdhaich a’ cleachdadh airson gnàth-glanaidh. Ghabhadh gach fear dhiubh eadar ochdad agus ceud liotair ’s a fichead . 7 Thuirt Ìosa riutha, “Lìonaibh na soithichean le uisge!” Agus lìon iad suas gus am beòil iad. 8 Thuirt e riutha, “Tàirngibh beagan dheth agus thoiribh gu fear-cinn na cuirme e.” Agus thug iad thuige e. 9 An uair sin bhlais fear-cinn na cuirme an t-uisge a chaidh a thionndadh gu fìon. Cha robh fios aige cò às a thàinig e, ach bha fios aig na seirbheisich a tharraing an t-uisge. Ghairm e air fear na bainnse, 10 agus thuirt e ris, “Tha a h-uile duine a’ tairgsinn an fhìon as fheàrr an toiseach agus às dèidh sin am fìon as miosa nuair a tha iad air gu leòr òl. Ach ghlèidh thusa am fìon as fheàrr thuige seo.” 11 B’ e seo a’ chiad fhear de chomharraidhean mìorbhaileach Ìosa. Rinn e ann an Càna Ghalile e. Mar sin dh’fhoillsich e a ghlòir, agus chreid a dheisciobail ann.Ìosa a’ falmhachadh an teampaill 12 Às dèidh seo, chaidh e sìos gu Capernàum còmhla ri a mhàthair agus a bhràithrean agus a dheisciobail. Dh’fhuirich iad beagan làithean an sin. 13 Nuair a bha e faisg air àm Càisg nan Iùdhach chaidh Ìosa suas gu Ierusalem. 14 Ann an cùirtean an teampaill fhuair e daoine a’ reic cruidh agus chaorach agus chalman, agus feadhainn eile nan suidhe ag iomlaid airgid. 15 Agus às dèidh dha sgiùrsair de chùird a dhèanamh ruaig e a-mach às an teampall iad uile agus an dà chuid caoraich is crodh; dhòirt e a-mach buinn airgid an luchd-iomlaid agus thilg e na bùird aca bun-os-cionn. 16 Thuirt e riuthasan a bha a’ reic chalman, “Thoiribh iad sin a-mach à seo; na dèanaibh taigh m’ Athar-sa na thaigh-marsantachd.” 17 Chuimhnich a dheisciobail gu bheil e sgrìobhte, “Ithidh eud do thaighe suas mi.” 18 An uair sin fhreagair na h-Iùdhaich e, “Dè an comharra mìorbhaileach a tha thu a’ sealltainn dhuinn mar dhearbhadh air na rudan seo a tha thu a’ dèanamh?” 19 Fhreagair Ìosa iad, “Sgriosaibh an teampall seo, agus ann an trì latha togaidh mise suas a-rithist e.” 20 An uair sin thuirt na h-Iùdhaich, “Chaidh an teampall seo a thogail ann an ceathrad bliadhna ’s a sia; agus an tog thusa ann an trì latha e?” 21 Ach bha esan a’ bruidhinn mu theampall a chuirp. 22 Nuair a chaidh a thogail o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail air na thubhairt e, agus chreid iad an Sgriobtar, agus na faclan a thuirt Ìosa. 23 A-nis, fhad ’s a bha e ann an Ierusalem aig Fèill na Càisge, chreid mòran dhaoine na ainm nuair a chunnaic iad na comharraidhean mìorbhaileach a bha e a’ dèanamh. 24 Ach cha robh Ìosa ga chur fhèin an earbsa riutha, a chionn ’s gum b’ aithne dha na h-uile dhaoine, 25 agus nach robh feum aige air fianais duine sam bith mu dhuine, oir bha fios aige dè a bh’ anns an duine.

3

Ìosa a’ teagasg Nicodèmuis 1 A-nis bha duine dhe na Pharasaich ann, air an robh an t-ainm Nicodèmus, a bha na riaghladair aig na h-Iùdhaich. 2 Thàinig e gu Ìosa tron oidhche agus thuirt e, “A Rabaidh, is aithne dhuinn gur e neach–teagaisg a th’ annad a thàinig o Dhia: oir cha b’ urrainn do neach sam bith na comharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh a tha thusa a’ dèanamh mura biodh Dia còmhla ris.” 3 Fhreagair Ìosa e, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith a-rithist, chan urrainn dha rìoghachd Dhè fhaicinn.” 4 Thuirt Nicodèmus ris, “Ciamar as urrainn do dhuine a bhith air a bhreith nuair a tha e aosta? An urrainn dha a dhol a-steach an dara h-uair do bhroinn a mhàthar agus a bhith air a bhreith?” 5 Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi neach air a bhreith o uisge agus on Spiorad chan urrainn dha a dhol a-steach do rìoghachd Dhè. 6 An rud a th’ air a bhreith on fheòil, is e feòil a th’ ann, agus an rud a th’ air a bhreith on Spiorad, is e spiorad a th’ ann. 7 Na gabh iongnadh gu bheil mi ag ràdh riut, ‘Feumaidh sibh a bhith air ur breith a-rithist.’ 8 Tha a’ ghaoth a’ sèideadh far an toigh leatha. Tha thu a’ cluinntinn a fuaim, ach chan eil fios agad cò às a tha i a’ tighinn no càit a bheil i a’ dol. Is ann mar sin a tha le gach neach a th’ air a bhreith on Spiorad.” 9 Fhreagair Nicodèmus, “Ciamar as urrainn seo a bhith?” 10 Fhreagair Ìosa, “A bheil thusa nad fhear-teagaisg do dh’Israel, agus nach aithne dhut na rudan seo? 11 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, tha sinne a’ bruidhinn mu na ’s aithne dhuinn, agus tha sinn a’ toirt fianais mu na chunnaic sinn, ach chan eil sibhse a’ gabhail ri ar fianais. 12 Ma tha mise air innse dhuibh mu chùisean talmhaidh agus nach eil sibh a’ creidsinn, ciamar a chreideas sibh ma dh’innseas mi dhuibh mu chùisean nèamhaidh? 13 Cha deach neach sam bith suas a nèamh ach an t-aon a thàinig a-nuas o nèamh – Mac an Duine. 14 Agus dìreach mar a thog Maois an nathair suas anns an fhàsach, mar sin feumaidh Mac an Duine a bhith air a thogail suas , 15 airson ’s gum faod a’ bheatha shìorraidh a bhith aig a h-uile neach a tha a’ creidsinn ann. 16 “Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aon-ghin Mhic fhèin, airson ’s, ge b’ e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige. 17 Oir cha do chuir Dia a Mhac dhan t-saoghal airson ’s gun dìteadh e an saoghal, ach gus am biodh an saoghal air a shaoradh troimhesan. 18 Ge b’ e a chreideas ann, chan eil e air a dhìteadh, ach ge b’ e nach eil a’ creidsinn, tha e air a dhìteadh mu thràth, a chionn ’s nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhè. 19 Is e seo an dìteadh: tha an solas air tighinn a-steach dhan t-saoghal, agus ghràdhaich daoine an dorchadas nas motha na an solas a chionn ’s gun robh an gnìomhan olc. 20 Oir tha fuath aig a h-uile neach a nì olc dhan t-solas, agus cha tig e chun an t-solais air eagal ’s gum bi a ghnìomhan air an dèanamh follaiseach. 21 Ach thig ge b’ e a bhios beò a rèir na fìrinn chun an t-solais, airson ’s gum bi e air fhaicinn gu soilleir gun deach na rinn e a dhèanamh tro Dhia.”Fianais Eòin Baistidh mu Ìosa 22 Às dèidh seo, chaidh Ìosa agus a dheisciobail a-mach do dhùthaich Iudèa, far an do dh’fhan e còmhla riutha, agus bha e a’ baisteadh. 23 Bha Eòin cuideachd a’ baisteadh aig Ènon faisg air Salim, a chionn ’s gun robh pailteas uisge an sin, agus bha daoine a’ tighinn airson a bhith air am baisteadh. 24 (Bha seo mus deach Eòin a chur dhan phrìosan.) 25 An uair sin dh’èirich deasbad eadar cuid de dheisciobail Eòin agus Iùdhaich mu ghnàth-glanaidh. 26 Thàinig iad gu Eòin agus thuirt iad ris, “A Rabaidh, esan a bha còmhla riut air tabh thall Iòrdain – dhan tug thu fianais – seall, tha e a’ baisteadh agus tha na h-uile a’ dol thuige.” 27 Fhreagair Eòin, “Chan urrainn do neach rud fhaighinn ach na tha air a thoirt dha o nèamh. 28 Tha sibh fhèin a’ toirt fianais dhòmhsa gun tuirt mi, ‘Cha mhise an Crìosd ach tha mi air mo chur a-mach roimhe.’ 29 Am fear aig a bheil bean na bainnse is esan fear na bainnse, ach tha caraid fhir na bainnse a tha na sheasamh agus ag èisteachd ris làn aoibhneis nuair a chluinneas e guth fhir na bainnse. Mar sin tha an t-aoibhneas seo agamsa air a choileanadh. 30 Feumaidh esan fàs nas motha; feumaidh mise fàs nas lugha. 31 “Tha esan a tha a’ tighinn o gu h-àrd os cionn nan uile; esan a tha on talamh, buinidh e dhan talamh, agus tha e a’ bruidhinn mar aon a tha on talamh. Tha esan a tha a’ tighinn o nèamh os cionn nan uile. 32 Tha e a’ toirt fianais mu na chunnaic agus na chuala e, agus chan eil neach sam bith a’ gabhail ris an fhianais aige. 33 Tha esan a ghabh ri fhianais-san air dearbhadh gu bheil Dia fìor. 34 Oir tha esan a chuir Dia a-mach ag ràdh faclan Dhè, oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid. 35 Tha gràdh aig an Athair air a’ Mhac agus thug e dha a h-uile rud na làimh. 36 Ge b’ e a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha shìorraidh aige, ach ge b’ e nach creid anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha, oir tha fearg Dhè a’ fantainn air.”

4

Ìosa a’ bruidhinn ri boireannach à Samaria 1 Nuair a thuig Ìosa gun cuala na Pharasaich gun robh e a’ dèanamh agus a’ baisteadh barrachd dheisciobal na Eòin 2 (ged nach b’ e Ìosa fhèin a bhaist, ach na deisciobail aige), 3 dh’fhàg e Iudèa agus dh’fhalbh e air ais a Ghalile. 4 Ach bha aige ri dhol tro Shamaria. 5 Mar sin thàinig e gu baile ann an Samaria ris an canar Sichar, faisg air an fhearann a thug Iàcob dha mhac Iòsaph. 6 Bha tobar Iàcoib an sin, agus shuidh Ìosa, sgìth mar a bha e on turas aige, ri taobh an tobair. Bha e mu mheadhan-latha. 7 Thàinig boireannach o Shamaria airson uisge a tharraing. Thuirt Ìosa rithe, “Thoir dhomh deoch.” 8 (Oir bha a dheisciobail air a dhol dhan bhaile airson biadh a cheannach.) 9 Thuirt am boireannach o Shamaria ris, “Ciamar as urrainn dhutsa a tha nad Iùdhach deoch iarraidh ormsa a tha nam bhoireannach Samaritanach?” (Oir chan eil comann aig Iùdhaich ri Samaritanaich.) 10 Fhreagair Ìosa i, “Nam b’ aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.” 11 “A Thighearna,” thuirt am boireannach, “chan eil soitheach-tarraing agad, agus tha an tobar domhainn. Cò às an tig an t-uisge beò sin agad? 12 Chan eil thusa nas motha na ar n-athair Iàcob, a bheil? Thug esan dhuinne an tobar seo, agus dh’òl e às e fhèin, mar a rinn a chlann agus a sprèidh cuideachd.” 13 Fhreagair Ìosa i, “Neach sam bith a dh’òlas dhen uisge seo, bidh pathadh air a-rithist, 14 ach ge b’ e a dh’òlas dhen uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh gu bràth tuilleadh air. Ach an t-uisge a bheir mise dha, bidh e na fhuaran uisge ann, ag èirigh suas chun na beatha sìorraidh.” 15 Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, thoir dhomh an t-uisge seo gus nach bi pathadh orm agus nach fheum mi tighinn an seo a tharraing uisge.” 16 Thuirt Ìosa rithe, “Thalla ’s gairm air d’ fhear agus till an seo.” 17 “Chan eil fear-pòsta agam,” fhreagair am boireannach. Thuirt Ìosa rithe, “Tha thu ceart nuair a tha thu ag ràdh, ‘Chan eil fear-pòsta agam,’ 18 oir tha còignear fhear-pòsta air a bhith agad, agus am fear a tha agad an-dràsta, chan e d’ fhear-pòsta fhèin a th’ ann. Tha an rud a thubhairt thu fìor.” 19 Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, tha mi a’ faicinn gur e fàidh a th’ annad. 20 Rinn ar n-athraichean adhradh air a’ bheinn seo, ach tha sibhse ag ràdh gur e Ierusalem an t-àite far am bu chòir adhradh a bhith air a dhèanamh.” 21 Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, creid mise, tha an uair a’ tighinn nuair nach ann air a’ bheinn seo no ann an Ierusalem a nì sibh adhradh dhan Athair. 22 Tha sibhse a’ dèanamh adhraidh dhan rud nach aithne dhuibh, tha sinne a’ dèanamh adhraidh dhan rud as aithne dhuinn, oir is ann o na h-Iùdhaich a tha saoradh. 23 Ach tha an uair a’ tighinn, agus tha e a-nis ann, nuair a nì am fìor luchd-adhraidh adhradh dhan Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn, oir is iad a leithid seo de luchd-adhraidh a tha an t-Athair a’ sireadh. 24 Is e spiorad a th’ ann an Dia, agus feumaidh an luchd-adhraidh aige adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.” 25 Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a’ tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h-uile rud dhuinn.” 26 Thuirt Ìosa rithe, “Is mise esan a tha a’ bruidhinn riut.”Na deisciobail a' tilleadh gu Ìosa 27 Dìreach an uair sin thill a dheisciobail agus chuir e iongnadh orra gun robh e a’ còmhradh ri boireannach. Ach cha do dh’fhaighnich aon neach, “Dè a tha thu a’ sireadh?” no “Carson a tha thu a’ còmhradh rithe?” 28 Mar sin, a’ fàgail a soitheach-uisge, dh’fhalbh am boireannach dhan bhaile agus thuirt i ris na daoine, 29 “Thigibh ’s faicibh duine a dh’innis dhòmhsa a h-uile rud a rinn mi riamh. Nach e seo an Crìosd?” 30 Chaidh iad a-mach às a’ bhaile agus thàinig iad thuigesan. 31 Aig a’ cheart àm dh’iarr a dheisciobail air, “A Rabaidh, ith rudeigin.” 32 Ach thuirt esan riutha, “Tha biadh agamsa ri ithe air nach eil fios agaibhse.” 33 Mar sin thuirt na deisciobail ri chèile, “Cha tug neach sam bith rudeigin thuige ri ithe, an tug?” 34 Thuirt Ìosa riutha, “Is e mo bhiadh-sa toil an aoin a chuir a-mach mi a dhèanamh, agus an obair aigesan a chrìochnachadh. 35 Nach bi sibhse ag ràdh, ‘Tha ceithir mìosan ann fhathast gus an tig am foghar’? Seallaibh, tha mise ag ràdh ribh, togaibh suas ur sùilean agus faicibh na h-achaidhean, oir tha iad geal gu fogharadh. 36 Mu thràth tha an t-aon a bhuaineas a’ faighinn tuarastail, agus a’ cruinneachadh toraidh airson na beatha sìorraidh, airson ’s gun dèan an t-aon a chuireas agus an t-aon a bhuaineas aoibhneas le chèile. 37 Oir an seo tha an abairt fìor, ‘Tha aon neach a’ cur agus neach eile a’ buain.’ 38 Chuir mise sibhse a bhuain rud nach do shaothraich sibh air a shon. Tha feadhainn eile air saothrachadh, agus tha sibhse air buannachd fhaighinn o an saothair-san.”Mòran Shamaritanach a’ creidsinn ann an Ìosa 39 Chreid mòran Shamaritanach on bhaile sin annsan – air sgàth facal fianais a’ bhoireannaich, “Dh’innis e dhomh a h-uile rud a rinn mi riamh.” 40 Mar sin, nuair a thàinig na Samaritanaich thuige, dh’iarr iad air fantainn còmhla riutha, agus dh’fhuirich e an sin dà latha. 41 Agus chreid mòran a bharrachd air sgàth an fhacail aige. 42 Thuirt iad ris a’ bhoireannach, “Chan ann air sgàth na thuirt thusa a tha sinn a’ creidsinn tuilleadh; oir chuala sinn fhèin e, agus tha fios againn gur esan dha-rìribh Slànaighear an t-saoghail.”Ìosa a’ leigheas mac an oifigich 43 Às dèidh an dà latha sin dh’fhalbh e, agus chaidh e às a sin a Ghalile. 44 (Oir bha Ìosa fhèin air fianais a thoirt nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin.) 45 Nuair a thàinig e gu Galile, ghabh na Galilèaich ris. Bha iad air a h-uile rud a rinn e ann an Ierusalem aig an Fhèill fhaicinn, oir chaidh iadsan cuideachd chun na Fèille. 46 Thàinig Ìosa a-rithist gu Càna Ghalile far an do rinn e uisge na fhìon. Agus bha oifigeach rìoghail àraidh ann aig an robh mac a bha tinn ann an Capernàum. 47 Nuair a chuala an duine seo gun robh Ìosa air tighinn a-nuas à Iudèa gu Galile, chaidh e thuige agus dh’iarr e air tighinn a-nuas agus a mhac a shlànachadh, oir bha e gus bàsachadh. 48 Mar sin thuirt Ìosa ris, “Mura faic sibh comharraidhean mìorbhaileach agus iongantasan cha chreid sibh.” 49 Thuirt an t-oifigeach rìoghail, “A Thighearna, thig a-nuas mus bàsaich mo leanabh.” 50 Fhreagair Ìosa, “Thalla, tha do mhac beò.” Chreid an duine am facal a thuirt Ìosa ris agus dh’fhalbh e. 51 Fhad ’s a bha e a’ dol sìos, choinnich a sheirbheisich ris, leis an naidheachd gun robh a mhac beò. 52 Mar sin dh’fhaighnich e dhaibh cuin a dh’fhàs e na b’ fheàrr, agus thuirt iad ris, “Dh’fhàg am fiabhras e an-dè aig uair feasgar.” 53 Mar sin thuig an t-athair gum b’ e sin an dearbh uair nuair a thuirt Ìosa ris, “Tha do mhac beò.” Agus chreid e fhèin agus a theaghlach uile. 54 B’ e seo a-nis an dara comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa, nuair a bha e air tighinn à Iudèa gu Galile.

5

An leigheas aig an linne 1 Às dèidh seo bha Fèill dhe na h-Iùdhaich ann agus chaidh Ìosa suas gu Ierusalem. 2 Anis tha ann an Ierusalem, aig Geata nan Caorach, linne ris an canar, anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig sgàil-thaighean. 3 Annta sin bha nan laighe mòran a bha tinn, dall, bacach agus seargte. 4 Oir o àm gu àm chaidh aingeal dhen Tighearna sìos dhan linne agus chuir e an t-uisge troimh-a-chèile. Mar sin, a’ chiad neach a rachadh sìos às dèidh dhan uisge a bhith air a chur troimh-a-chèile, bha e air a dhèanamh slàn o ge b’ e dè an tinneas a bh’ air. 5 Anis bha duine àraidh air a bhith an sin trithead bliadhna ’s a h-ochd le a thinneas. 6 Nuair a chunnaic Ìosa an duine seo na laighe, agus fios aige gun robh e air a bhith ùine mhòr mar sin mu thràth, thuirt e ris, “A bheil thu ag iarraidh a bhith slàn?” 7 Fhreagair am fear a bha tinn e, “A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a tha an t-uisge air a ghluasad, a chuireas dhan linne mi, ach nuair a tha mi a’ dol innte thèid neach eile sìos romham.” 8 Thuirt Ìosa ris, “Èirich! tog do leabaidh agus coisich.” 9 Anns a’ bhad dh’fhàs an duine slàn agus thog e a leabaidh agus bha e a’ coiseachd mun cuairt. B’ e an t-Sàbaid a bh’ ann air an latha sin. 10 Mar sin thuirt na h-Iùdhaich ris an fhear a chaidh a shlànachadh, “’S e an t-Sàbaid a th’ ann is chan eil e laghail dhut do leabaidh a ghiùlain.” 11 Ach fhreagair e iad, “Am fear a rinn slàn mi, thuirt esan rium, ‘Tog do leabaidh agus coisich.’” 12 Dh’fhaighnich iad dha, “Cò e an duine a thuirt riut, ‘Tog i agus coisich.’” 13 Ach cha robh fios aig an duine a chaidh a shlànachadh cò e, oir bha Ìosa air a dhol à sealladh a chionn ’s gun robh sluagh san àite. 14 Às dèidh sin lorg Ìosa e san teampall agus thuirt e ris, “Seall, chaidh do shlànachadh; na peacaich tuilleadh, mus tachair nas miosa dhut.” 15 Dh’fhalbh an duine agus dh’innis e dha na h-Iùdhaich gum b’ e Ìosa a rinn slàn e.Beatha tron Mhac 16 Air an adhbhar seo rinn na h-Iùdhaich geur-leanmhainn air Ìosa, oir bha e a’ dèanamh nan rudan seo air an t-Sàbaid. 17 Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha m’ Athair ag obair chun a seo, agus tha mise ag obair.” 18 Air an adhbhar seo ’s ann a bu mhotha a bha na h-Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh, oir chan e a-mhàin gun robh e a’ briseadh na Sàbaid, ach bha e cuideachd ag ràdh gum b’ e Dia Athair-san, ga dhèanamh fhèin co-ionnan ri Dia. 19 Mar sin fhreagair Ìosa iad, "Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil e comasach dhan Mhac rud sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach na chì e an t-Athair a’ dèanamh, oir gach rud a bhios esan a’ dèanamh tha am Mac a’ dèanamh cuideachd. 20 Oir tha an t-Athair a’ gràdhachadh a’ Mhic agus dhàsan sheall e a h-uile rud a tha e a’ dèanamh, agus obraichean nas motha na seo seallaidh e dha, airson ’s gun gabh sibh iongnadh. 21 Oir mar a thogas an t-Athair na mairbh agus a bheothaicheas e iad, mar sin beothaichidh am Mac cuideachd na thogras e. 22 Oir chan eil an t-Athair a’ toirt breith air aon sam bith, ach thug e a h-uile ùghdarras-breitheanais dhan Mhac, 23 airson ’s gun toireadh na h-uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a’ toirt urraim dhan Athair a chuir a-mach e. 24 “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b’ e a chluinneas m’ fhaclan agus a chreideas esan a chuir a-mach mi, tha a’ bheatha shìorraidh aige agus cha tig e a-steach do bhreitheanas, ach chaidh a thoirt a-mach à bàs gu beatha. 25 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil uair a’ tighinn agus tha i a-nis ann, nuair a chluinneas na mairbh guth Mac Dhè, agus iadsan a chluinneas, bidh iad beò. 26 Oir mar a tha beatha aig an Athair ann fhèin, mar sin cuideachd thug e dhan Mhac beatha a bhith aige ann fhèin. 27 Agus thug e ùghdarras dha airson breith a thoirt, oir is esan Mac an Duine. 28 “Na gabhaibh iongnadh às a seo, oir tha uair a’ tighinn anns an cluinn na h-uile a th’ anns na tuaman a ghuth-san. 29 Iadsan a tha a’ dèanamh rudan matha, èiridh iad gu aiseirigh na beatha, ach iadsan a tha a’ dèanamh droch rudan, gu aiseirigh an dìtidh. 30 Chan urrainn dhomh rud sam bith a dhèanamh uam fhèin; mar a chluinneas mi, mar sin bheir mi breith, agus tha mo bhreitheanas ceart; oir chan eil mi ag iarraidh mo thoil fhèin ach toil an aoin a chuir a-mach mi.”Fianaisean mu Ìosa 31 “Ma bheir mise fianais mum dheidhinn fhèin, chan eil m’ fhianais fìor. 32 ’S e neach eile a tha a’ toirt fianais mum dheidhinn, agus tha fios agam gu bheil an fhianais a tha esan a’ dèanamh mum dheidhinn fìor. 33 “Chuir sibh fios gu Eòin agus thug esan fianais mun fhìrinn. 34 Chan eil mise a’ gabhail fianais o dhuine, ach tha mi ag ràdh seo airson ’s gum bi sibh air ur teàrnadh. 35 B’ e lampa lasrach agus dheàlrach a bh’ ann, agus roghnaich sibh toileachas a dhèanamh na sholas airson greis, 36 ach tha fianais nas motha na bh’ aig Eòin agamsa, oir na h-obraichean a thug an t-Athair dhòmhsa airson an crìochnachadh, tha na h-obraichean seo fhèin a tha mi a’ dèanamh a’ toirt fianais mum dheidhinn, gur e an t-Athair a chuir a-mach mi. 37 Tha an t-Athair fhèin a chuir a-mach mi a’ toirt fianais mum dheidhinn. Cha chuala sibh a ghuth riamh agus chan fhaca sibh an cumadh aige nas motha. 38 Agus chan eil fhacal-san a’ fantainn annaibh, oir chan eil sibh a’ creidsinn annsan a chuir e a-mach. 39 Tha sibh a’ rannsachadh nan Sgriobtar, oir tha sibh a’ smaoineachadh gu bheil a’ bheatha shìorraidh agaibh annta sin, agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum dheidhinn, 40 ach chan e ur toil tighinn thugam, airson ’s gum bi beatha agaibh. 41 “Chan eil mise a’ gabhail urraim o dhaoine, 42 ach ’s aithne dhomh sibh, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh fhèin. 43 Thàinig mise ann an ainm m’ Athar ach chan eil sibhse a’ ghabhail rium. Ma thig neach eile na ainm fhèin, gabhaidh sibh ris. 44 Ciamar as urrainn dhuibhse creidsinn, a tha a’ gabhail urraim o chèile, ach nach eil ag iarraidh an urraim a thig on aon Dia? 45 “Na bithibh a’ smaoineachadh gur mise a nì ur casaid ris an Athair: tha aon ann a tha gur casaid, Maois – anns an do chuir sibh ur dòchas. 46 Nan robh sibh air Maois a chreidsinn, chreideadh sibh mise; oir sgrìobh esan mum dheidhinn. 47 Ach mura creid sibh na sgrìobhaidhean aigesan, ciamar a chreideas sibh m’ fhaclan-sa?”

6

Ìosa a’ biathadh nan còig mìle 1 Às dèidh seo dh’fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais), 2 agus lean sluagh mòr e a chionn ’s gum faca iad na comharraidhean mìorbhaileach a rinn e orrasan a bha tinn. 3 An uair sin chaidh Ìosa suas air beinn agus shuidh e sìos an sin còmhla ri a dheisciobail. 4 Bha a’ Chàisg, Fèill nan Iùdhach, faisg. 5 Mar sin nuair a sheall Ìosa suas agus a chunnaic e gun tàinig sluagh mòr thuige, thuirt e ri Philip, “Càit an ceannaich sinn aran airson ’s gun ith iad seo?” 6 (Ach thuirt e seo airson esan a dhearbhadh, oir bha fios aige fhèin dè a bha e a’ dol a’ dhèanamh.) 7 Fhreagair Philip e, “Cha b’ urrainn do thuarastal ochd mìosan gu leòr arain a cheannach airson ’s gum biodh beagan aig gach aon dhiubh!” 8 Thuirt aon eile dhe a dheisciobail, Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, ris, 9 “Tha balach an seo aig a bheil còig lofaichean eòrna agus dà iasg bheag, ach dè a th’ anntasan am measg na h-uiread?” 10 Thuirt Ìosa, “Thoiribh air na daoine suidhe sìos.” A-nis bha tòrr feòir anns an àite, agus mar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh mu chòig mìle. 11 Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a’ mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h-èisg – na h-uimhir is a bu mhiann leotha. 12 Nuair a bha iad air an riarachadh, thuirt e ri a dheisciobail, “Cruinnichibh na criomagan a th’ air am fàgail gus nach tèid rud sam bith a dholaidh.” 13 Mar sin chruinnich iad còmhla iad agus lìon iad dà chliabh dheug de chriomagan nan còig lofaichean eòrna, a dh’fhàg iadsan a bha air ithe. 14 Às dèidh dha na daoine an comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa fhaicinn, thuirt iad, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh a tha ri thighinn a-steach dhan t-saoghal.” 15 Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson ’s gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a-rithist dhan bheinn na aonar.Ìosa a’ coiseachd air a’ mhuir 16 A-nis nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos chun na mara, 17 agus a’ dol air bòrd eathair thòisich iad air a dhol thairis air a’ mhuir gu Capernàum. Mun àm seo bha e a-nis dorcha, agus cha robh Ìosa fhathast air tighinn thuca. 18 An uair sin dh’èirich a’ mhuir a chionn ’s gun robh gaoth mhòr a’ sèideadh. 19 Mar sin nuair a bha iad air iomradh mu chòig no sia cilemeatair , chunnaic iad Ìosa a’ coiseachd air a’ mhuir ’s a’ tighinn faisg air an eathar, agus bha an t-eagal orra. 20 Ach thuirt esan riutha, “Is mise a th’ ann; na biodh eagal oirbh.” 21 An uair sin bha iad toilichte a thoirt a-steach dhan eathar, agus anns a’ bhad ràinig an t-eathar an tìr far an robh iad a’ dol. 22 Air an ath latha chunnaic an sluagh a dh’fhuirich air taobh thall na mara nach robh ach aon eathar air a bhith an sin, agus nach robh Ìosa air a dhol a-steach innte còmhla ri a dheisciobail, ach gun do dh’fhalbh a dheisciobail nan aonar. 23 Thàinig eathraichean beaga eile o Thiberias faisg air an àite sin anns an do dh’ith iad an t-aran, às dèidh dhan Tighearna altachadh a dhèanamh. 24 Mar sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Ìosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin cuideachd dha na h-eathraichean beaga agus chaidh iad a Chapernàum, a lorg Ìosa.Ìosa Aran na Beatha 25 Nuair a lorg iad e air taobh thall na mara, thuirt iad ris, “A Rabaidh, cuin a thàinig thu an seo?” 26 Fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, tha sibh gam shireadh, chan ann a chionn ’s gum faca sibh na comharraidhean mìorbhaileach, ach a chionn ’s gun do dh’ith sibh dhe na lofaichean agus gun robh sibh air ur sàsachadh. 27 Na dèanaibh saothair airson a’ bhìdh a thèid a dholaidh ach airson a’ bhìdh a mhaireas chun na beatha sìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh. Oir airsan chuir Dia an t-Athair a sheula.” 28 An uair sin thuirt iad ris, “Dè a dh’fheumas sinn a dhèanamh airson ’s gun dèan sinn obraichean Dhè?” 29 Fhreagair Ìosa, “Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an aon a chuir e a-mach.” 30 Mar sin thuirt iad ris, “Dè an comharra mìorbhaileach a nì thusa, ma-thà, airson ’s gum faic sinn agus gun creid sinn thu? Dè an obair a nì thu? 31 Dh’ith ar n-athraichean mana anns an fhàsach; a rèir mar a tha e sgrìobhte: ‘Thug e dhaibh aran o nèamh ri ithe.’” 32 An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha b’ e Maois a thug dhuibh an t-aran o nèamh, ach ’s e m’ Athair-sa a tha a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh. 33 Oir is e aran Dhè a th’ annsan a tha a’ tighinn a-nuas o nèamh agus a tha a’ toirt beatha dhan t-saoghal.” 34 An uair sin thuirt iad ris, “A Thighearna, thoir dhuinne an t-aran seo an-còmhnaidh.” 35 Thuirt Ìosa riutha, “Is mise aran na beatha. An neach a thig thugamsa, cha bhi acras air, agus an neach a chreideas annamsa, cha bhi pathadh air gu bràth. 36 Ach thuirt mi ribh gu bheil sibh air m’ fhaicinn, agus fhathast chan eil sibh a’ creidsinn. 37 Gach neach a bheir an t-Athair dhòmhsa, thig e thugam, agus an neach a thig thugam, cha tilg mi air adhbhar sam bith a-mach. 38 Oir tha mi air tighinn a-nuas o nèamh, chan ann airson mo thoil fhèin a dhèanamh ach airson toil an aoin a chuir a-mach mi a dhèanamh. 39 Agus is i seo toil an Athar a chuir a-mach mi, nach caillinn neach sam bith dhe na h-uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas iad air an latha dheireannach. 40 Oir is i seo toil m’ Athar, gum biodh a’ bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a’ Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.” 41 Mar sin thòisich na h-Iùdhaich a’ gearain ma dheidhinn a chionn ’s gun tuirt e, “Is mise an t-aran a thàinig a-nuas o nèamh.” 42 Thuirt iad, “Nach e seo Ìosa, mac Iòsaiph, aig a bheil athair is màthair as aithne dhuinn? Ciamar a-nis as urrainn dha a ràdh, ‘Thàinig mi a-nuas o nèamh’?” 43 Fhreagair Ìosa iad, “Na dèanaibh gearain nur measg fhèin. 44 Chan urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura tarraing an t-Athair a chuir a-mach mise e, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. 45 Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, ‘Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia.’ Tha a h-uile neach a dh’èisteas ris an Athair agus a dh’ionnsaicheas uaithe a’ tighinn thugamsa. 46 Chan e gum faca neach sam bith an t-Athair ach an t-aon a tha o Dhia; is esan a-mhàin a chunnaic an t-Athair. 47 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach a tha a’ creidsinn, tha a’ bheatha shìorraidh aige. 48 Is mise aran na beatha. 49 Dh’ith ur n-athraichean am mana anns an fhàsach agus bhàsaich iad. 50 Is e seo an t-aran a tha a’ tighinn a-nuas o nèamh, airson ’s gun ith neach dheth agus nach bàsaich e. 51 Is mise an t-aran beò a thàinig a-nuas o nèamh. Ma dh’itheas neach sam bith dhen aran seo, bidh e beò gu sìorraidh; agus an t-aran a bheir mise uam, is e m’ fheòil a th’ ann, airson beatha an t-saoghail.” 52 Mar sin bha na h-Iùdhaich ag argamaid nam measg fhèin, “Ciamar as urrainn dhan duine seo an fheòil aige fhèin a thoirt dhuinne ri h-ithe?” 53 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura h-ith sibh feòil Mhic an Duine, agus mura h-òl sibh fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh.” 54 Ge b’ e cò a dh’itheas m’ fheòil-sa agus a dh’òlas m’ fhuil-sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. 55 Oir is e fìor bhiadh a tha nam fheòil agus is e fìor dheoch a tha nam fhuil. 56 Ge b’ e cò a dh’itheas m’ fheòil-sa agus a dh’òlas m’ fhuil-sa, tha e a’ fantainn annamsa, agus mise annsan. 57 Mar a chuir an t-Athair beò mise a-mach agus a tha mise beò air sgàth an Athar, mar sin tha esan a dh’itheas mise: bidh e cuideachd beò air mo sgàth-sa. 58 Is e seo an t-aran sin a thàinig a-nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith na h-athraichean agus a bhàsaich iad. Ge b’ e cò a dh’itheas an t-aran seo, bidh e beò gu bràth.” 59 Thuirt e na rudan seo fhad ’s a bha e a’ teagasg anns an t-sionagog ann an Capernàum.Mòran dheisciobal a’ trèigsinn Ìosa 60 Mar sin, nuair a chuala iad seo, thuirt mòran dhe a dheisciobail, “Is e teachdaireachd chruaidh a tha an seo. Cò a tha an comas èisteachd rithe?” 61 Ach, ag aithneachadh ann fhèin gun robh a dheisciobail a’ gearain mun seo, thuirt Ìosa riutha, “A bheil seo a’ toirt oilbheim dhuibh? 62 Dè nam faiceadh sibh Mac an Duine a’ dol suas dhan àite anns an robh e roimhe? 63 Is e an Spiorad a bheothaicheas; chan eil buannachd sam bith anns an fheòil. Na faclan a tha mise air a ràdh ribh, is e spiorad agus is e beatha a th’ annta. 64 Ach tha cuid dhibhse nach eil a’ creidsinn.” (Oir b’ aithne do dh’Ìosa on toiseach cò iad nach robh a’ creidsinn agus cò a dhèanadh brathadh air.) 65 Agus thuirt e, “Is e seo an t-adhbhar gun tuirt mi ribh nach urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura h-eil an t-Athair air an comas a thoirt dha.” 66 On àm sin thionndaidh mòran dhe a dheisciobail air ais agus cha do choisich iad tuilleadh còmhla ris. 67 Mar sin thuirt Ìosa ris an dà fhear dheug, “Am bu toigh leibhse falbh cuideachd?” 68 Fhreagair Sìmon Peadar e, “A Thighearna, cò thuige a thèid sinn? Is ann agadsa a tha faclan na beatha maireannaich. 69 Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a’ tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.” 70 Fhreagair Ìosa iad, “Nach do thagh mise sibhse, an dà fhear dheug? Agus fhathast tha aon agaibh na dhiabhal?” 71 Bhruidhinn e mu Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, oir b’ esan – aon dhen dà fhear dheug – an neach a bha a’ dol ga bhrathadh.

7

Ìosa a’ dol gu Fèill nam Pàillean 1 Às dèidh seo, bha Ìosa a’ dol mun cuairt ann an Galile. Oir cha robh e airson a dhol mun cuairt ann an Iudèa a chionn ’s gun robh na h-Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh. 2 A-nis bha Fèill Iùdhach nam Pàillean faisg. 3 Mar sin thuirt a bhràithrean ris, “Fàg an t-àite seo agus fhalbh a dh’Iudèa airson ’s gum faic na deisciobail agad cuideachd na h-obraichean a tha thu a’ dèanamh. 4 Oir cha dèan neach sam bith obair air falach ma tha e ag iarraidh a bhith air fhaicinn gu follaiseach. Ma tha thu a’ dèanamh nan rudan seo, seall thu fhèin dhan t-saoghal.” 5 Oir cha robh fiù ’s a bhràithrean a’ creidsinn ann. 6 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Cha tàinig m’ àm-sa fhathast; ach tha ur n-àm-se an-còmhnaidh ann. 7 Chan urrainn dhan t-saoghal sibhse fhuathachadh; ach tha fuath aige dhòmhsa a chionn ’s gu bheil mi a’ toirt fianais ma dheidhinn gu bheil na h-obraichean aige olc. 8 Rachaibh-se suas chun na Fèille. Chan eil mise a’ dol suas chun na Fèille seo, oir chan eil m’ àm fhathast air a choileanadh.” 9 Às dèidh dhàsan na rudan seo a ràdh, dh’fhan e ann an Galile. 10 Ach, às dèidh dha a bhràithrean a dhol suas chun na Fèille, an uair sin chaidh esan cuideachd suas, cha b’ ann gu poblach ach gu dìomhair. 11 Bha na h-Iùdhaich a’ coimhead air a shon aig an Fhèill agus a’ faighneachd, “Càit a bheil an duine sin?” 12 Agus bha tòrr borbhain ma dheidhinn a’ dol am measg an t-sluaigh. Thuirt cuid, “Is e duine math a th’ ann.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, tha e a’ mealladh an t-sluaigh.” 13 A dh’aindeoin sin, cha do bhruidhinn duine sam bith gu fosgailte ma dheidhinn air eagal nan Iùdhach.Ìosa a’ teagasg aig an Fhèill 14 Mu mheadhan na Fèille chaidh Ìosa suas dhan teampall agus thòisich e a’ teagasg. 15 Ghabh na h-Iùdhaich iongnadh mòr agus dh’fhaighnich iad, “Ciamar a tha an duine seo cho ionnsaichte, agus nach d’ fhuair e foghlam?” 16 Mar sin fhreagair Ìosa, “Chan ann leam fhèin a tha mo theagasg, ach leis-san a chuir a-mach mi. 17 Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a’ bruidhinn uam fhèin. 18 An neach a bhruidhneas uaithe fhèin, tha e a’ lorg glòir air a shon fhèin, ach ge b’ e a shireas glòir an aoin a chuir a-mach e, tha esan fìrinneach; chan eil eucoir sam bith ann. 19 Nach tug Maois an lagh dhuibh? Agus fhathast chan eil aon neach agaibh a’ coileanadh an lagha. Carson a tha sibh a’ feuchainn ri mise a mharbhadh?” 20 Fhreagair an sluagh, “Tha deamhan annad. Cò a tha a’ feuchainn rid mharbhadh?” 21 Fhreagair Ìosa iad, “Rinn mise aon obair, agus tha iongnadh oirbh uile. 22 Thug Maois dhuibh an timcheall-ghearradh (ged nach ann o Mhaois a tha e, ach o na h-athraichean), agus air sgàth sin timcheall-ghearraidh sibhse duine air an t-Sàbaid. 23 Ma tha duine a’ faighinn timcheall-ghearradh air an t-Sàbaid, airson ’s nach bi lagh Mhaois air a bhriseadh, a bheil sibh feargach riumsa a chionn ’s gun do rinn mi duine gu h-iomlan slàn air an t-Sàbaid? 24 Na bithibh a’ toirt breith a rèir coltais, ach thoiribh breith cheart.”An e Ìosa an Crìosd? 25 Mar sin thòisich cuid de mhuinntir Ierusaleim air a ràdh, “Nach e seo esan a tha iad a’ feuchainn ri a mharbhadh? 26 Agus, seall, tha e a’ bruidhinn gu follaiseach agus chan eil iad ag ràdh rud sam bith ris. An urrainn dha a bhith gu bheil fios cinnteach aig na riaghladairean gur e seo dha-rìribh Crìosd? 27 Ge-tà, is aithne dhuinn cò às a tha an duine seo; ach nuair a thig Crìosd, cha bhi fios aig neach sam bith cò às a tha e.” 28 Mar sin, fhad ’s a bha e fhathast a’ teagasg anns an teampall, dh'èigh Ìosa, “Is aithne dhuibh mise agus cò às a tha mi. Ach cha tàinig mi uam fhèin. Tha esan a chuir a-mach mi fìor, agus chan aithne dhuibhse e. 29 Tha eòlas agamsa air, a chionn ’s gur ann uaithe a tha mi, agus gun do chuir esan a-mach mi.” 30 Dh’fheuch iad ri a ghlacadh, ach cha do chuir neach sam bith làmh air, a chionn ’s nach robh an uair aige fhathast air tighinn. 31 Ach chreid mòran dhen t-sluagh ann. Thuirt iad, “Nuair a thig Crìosd, an dèan e barrachd chomharraidhean mìorbhaileach na rinn an duine seo?” 32 Chuala na Pharasaich an sluagh a’ borbhanaich nan rudan seo ma dheidhinn; agus chuir na h-àrd-shagartan agus na Pharasaich seirbheisich an teampaill airson a ghlacadh. 33 Thuirt Ìosa, “Bidh mi còmhla ribh airson ùine bheag fhathast, agus an uair sin tha mi a’ dol chun an aoin a chuir a-mach mi. 34 Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn.” 35 Mar sin thuirt na h-Iùdhaich nam measg fhèin, “Càit a bheil am fear seo an dùil a dhol, airson ’s nach lorg sinn e? An tèid e gu ar muinntir a th’ air an sgapadh am measg nan Greugach, agus an teagaisg e na Greugaich? 36 Dè a bha e a’ ciallachadh nuair a thuirt e, ‘Siridh sibh mi, ach cha lorg sibh mi; agus far am bi mise, chan urrainn dhuibhse tighinn’? ” 37 Air an latha mu dheireadh dhen Fhèill, an latha mòr, sheas Ìosa agus dh’èigh e, “Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e thugamsa agus òladh e. 38 Ge b’ e cò a chreideas annamsa, mar a tha an Sgriobtar air a ràdh, sruthaidh aibhnichean de dh’uisge beò às a bhroinn.” 39 Ach thuirt e seo mun Spiorad a bha iadsan a bha a’ creidsinn ann a’ dol a dh’fhaighinn, oir cha robh an Spiorad fhathast air a bhuileachadh, air sgàth ’s nach robh Ìosa fhathast air a ghlòrachadh. 40 Nuair a chuala iad na briathran seo, thuirt cuid dhen t-sluagh, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh.” 41 Thuirt feadhainn eile, “Is e seo an Crìosd.” Ach thuirt buidheann eile, “Chan ann o Ghalile a thig an Crìosd, an ann? 42 Nach tuirt an Sgriobtar gun tig an Crìosd o shìol Dhaibhidh, agus à Betlehem, am baile anns an robh Daibhidh?” 43 Mar sin dh’èirich sgaradh am measg an t-sluaigh air a sgàth-san. 44 Bha cuid dhiubh ag iarraidh a ghlacadh, ach cha do chuir duine sam bith làmh air.Às-creideamh nan riaghladairean Iùdhach 45 Mar sin thàinig seirbheisich an teampaill gu na h-àrd-shagartan agus na Pharasaich, agus thuirt iad riutha, “Carson nach tug sibh leibh e?” 46 Fhreagair na seirbheisich, “Cha do bhruidhinn neach sam bith riamh mar an duine seo.” 47 Mar sin fhreagair na Pharasaich, “Cha deach sibhse cuideachd a thoirt air seachran, an deach?” 48 Cha do chreid aon sam bith dhe na riaghladairean, no dhe na Pharasaich ann, an do chreid? 49 Ach an sluagh seo aig nach eil eòlas air an lagh, tha iad mallaichte.” 50 Dh’fhaighnich Nicodèmus, a bha air a dhol thuige roimhe, agus a bha na aon dhe na Pharasaich, dhaibh, 51 “A bheil an lagh againne a’ toirt breith air cuideigin gun a bhith fiù ’s a’ cluinntinn uaithe fhèin an toiseach, agus a’ faighinn a-mach dè a tha e a’ dèanamh?” 52 Fhreagair iadsan, “Chan ann o Ghalile a tha thusa cuideachd, an ann? Rannsaich, agus faic nach eil fàidh ag èirigh à Galile.” 53 Agus chaidh gach aon dhan taigh aige fhèin.

8

Boireannach air a glacadh ann an adhaltranas 1 Ach chaidh Ìosa gu Beinn nan Crann-ola. 2 Tràth anns a’ mhadainn thàinig e a-rithist a-steach dhan teampall, agus chruinnich an sluagh uile timcheall air, agus shuidh e sìos agus theagaisg e iad. 3 Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich boireannach thuige a chaidh a ghlacadh ann an adhaltranas. Thug iad oirre seasamh anns a’ mheadhan 4 agus thuirt iad ris, “Fhir-teagaisg, chaidh am boireannach seo a ghlacadh anns an dearbh ghnìomh, a’ dèanamh adhaltranais. 5 Ach dh’àithn lagh Mhaois dhuinn a leithid-se a chlachadh. Dè a-nis a tha thusa ag ràdh?” 6 Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson ’s gum biodh cùis-chasaid aca na aghaidh. Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh. 7 Nuair a chùm iad orra ga cheasnachadh sheas e suas agus thuirt e riutha, “An neach a tha gun pheacadh nur measg-se, tilgeadh esan clach oirre an toiseach.” 8 Agus chrom e sìos a-rithist agus sgrìobh e air an talamh. 9 Ach nuair a chuala iadsan seo, chaidh iad a-mach aon às dèidh aoin, a’ tòiseachadh leis an fheadhainn a bu shine, agus chaidh Ìosa fhàgail na aonar, agus am boireannach na seasamh anns a’ mheadhan. 10 Sheas Ìosa suas agus dh’fhaighnich e dhi, “A bhoireannaich, càit a bheil iad? Nach do dhìt neach sam bith thu?” 11 Thuirt i, “Cha do dhìt neach sam bith, a Thighearna.” Agus thuirt Ìosa rithe, “Cha mhò a tha mise gad dhìteadh; thalla, agus on àm seo na peacaich tuilleadh.”Fianais Ìosa air a dearbhadh 12 Bhruidhinn Ìosa riutha a-rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t-saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.” 13 Thuirt na Pharasaich ris, “Tha thu a’ toirt fianais mud dheidhinn fhèin; chan eil d’ fhianais fìor.” 14 Fhreagair Ìosa, “Fiù ’s ged a tha mi a’ toirt fianais mum dheidhinn fhèin, a dh’aindeoin sin tha m’ fhianais fìor, oir tha fios agam cò às a thàinig mi, agus càit a bheil mi a’ dol. Ach chan eil fios agaibhse cò às a thàinig mi, no càit a bheil mi a’ dol. 15 Tha sibhse a’ toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a’ toirt breith air neach sam bith. 16 Ach a dh’aindeoin sin, ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach, oir cha mhise nam aonar a tha a’ toirt breith, ach mise agus an t-Athair a chuir a-mach mi. 17 Anns an lagh agaibh fhèin tha e sgrìobhte gu bheil fianais dithis dhaoine fìor. 18 Is mise an t-aon a tha a’ dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t-Athair a chuir a-mach mi a’ dèanamh fianais mum thimcheall.” 19 Thuirt iad ris, “Càit a bheil d’ athair?” Fhreagair Ìosa, “Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m’ Athair; nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m’ Athair cuideachd.” 20 Dh’aithris Ìosa na briathran seo ann an ionad an ionmhais, fhad ’s a bha e a’ teagasg anns an teampall. Ach cha do ghlac neach sam bith e, oir cha robh an uair aige fhathast air tighinn. 21 Bhruidhinn Ìosa riutha a-rithist, “Tha mise a’ falbh, agus bidh sibh gam shireadh, agus bàsaichidh sibh nur peacadh. Chan urrainn dhuibhse tighinn dhan àite far a bheil mise a’ dol.” 22 Mar sin thuirt na h-Iùdhaich, “Am marbh e e fhèin a chionn ’s gun tuirt e, ‘Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’?” 23 Agus lean e air, “Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas. Is ann dhen t-saoghal seo a tha sibhse; chan eil mise dhen t-saoghal seo. 24 Dh’innis mi dhuibh gum bàsaicheadh sibh nur peacaidhean; oir mura creid sibh gur ‘mise E’ , gheibh sibh bàs nur peacaidhean.” 25 Thuirt iadsan, “Cò thusa?” Thuirt Ìosa riutha, “An neach sin fhèin a thuirt mi ribh on toiseach. 26 Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur deidhinn-se. Ach tha an t-aon a chuir a-mach mi fìrinneach, agus tha mise ag innse dhan t-saoghal nan rudan a chuala mi uaithesan.” 27 Cha do thuig iad gum b’ ann mun Athair a bhruidhinn e riutha. 28 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Nuair a tha sibh air Mac an Duine a thogail suas, an uair sin bidh fios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh rud sam bith uam fhèin, ach gu bheil mi a’ bruidhinn dìreach mar a theagaisg an t-Athair dhomh. 29 Agus tha an t-aon a chuir a-mach mi còmhla rium; cha do dh’fhàg esan nam aonar mi, a chionn ’s gu bheil mi an-còmhnaidh a’ dèanamh nan rudan sin a tha ga thoileachadh.” 30 Fhad ’s a bha e ag ràdh nan rudan seo, chreid mòran ann.Nì an fhìrinn saor sibh 31 Mar sin thuirt Ìosa ris na h-Iùdhaich a chreid ann, “Ma dh’fhanas sibh dìleas dham theagasg-sa, is sibh dha-rìribh mo dheisciobail 32 agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.” 33 Fhreagair iad e, “Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh nar tràillean aig duine sam bith. Carson a tha thusa ag ràdh, ‘Bidh sibh air ur dèanamh saor’?” 34 Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b’ e cò a nì peacadh, is e tràill dhan pheacadh a th’ ann. 35 Chan eil an tràill a’ fantainn anns an taigh gu bràth, ach tha am mac a’ fantainn gu bràth. 36 Mar sin, ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor dha-rìribh. 37 Tha fios agam gur e sliochd Abrahàim a th’ annaibh. Ach tha sibh a’ feuchainn ri mise a mharbhadh a chionn ’s nach eil àite aig m’ fhacal annaibh. 38 Tha mise ag ràdh an rud sin a chunnaic mi aig an Athair, agus tha sibhse a’ dèanamh an rud a chunnaic sibh aig ur n-athair fhèin.” Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh nur cloinn do dh’Abrahàm, dhèanadh sibh na h-obraichean aig Abrahàm. 40 Ach a-nis tha sibh a’ feuchainn ri mise a mharbhadh, duine a dh’innis an fhìrinn dhuibh a chuala mi o Dhia. Cha do rinn Abrahàm seo. 41 Tha sibhse a’ dèanamh obraichean ur n-athar fhèin.” Thuirt iad ris, “Cha do rugadh sinne o strìopachas, tha aon Athair againn – eadhon Dia.”Clann an diabhail 42 Thuirt Ìosa riutha, “Nam b’ e Dia ur n-athair, ghràdhaicheadh sibh mise, oir chaidh mise a-mach agus thàinig mi o Dhia. Cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan a-mach mi. 43 Carson nach eil sibh a’ tuigsinn na tha mi ag ràdh? Is ann a chionn ’s nach urrainn dhuibh èisteachd rim theagasg a tha e. 44 Tha sibhse o ur n-athair an diabhal agus is iad miannan ur n-athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn ’s nach eil fìrinn ann. Nuair a dh’innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ bruidhinn, oir is e breugaire a th’ ann agus is esan athair na brèige. 45 Ach a chionn ’s gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn! 46 Cò agaibhse a dhearbhas gu bheil mise ciontach dhen pheacadh? Ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn? 47 An neach a tha o Dhia, èistidh e ri briathran Dhè. Is e an t-adhbhar nach eil sibh gan cluinntinn nach ann o Dhia a tha sibh.”Tagraidhean Ìosa ma dheidhinn fhèin 48 Fhreagair na h-Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th’ annad agus gu bheil deamhan annad.” 49 Fhreagair e, “Chan eil deamhan annam: tha urram agamsa dham Athair, ach tha eas-urram agaibhse dhòmhsa. 50 Ach chan eil mi ag iarraidh mo ghlòir fhèin: tha aon ann a tha ga sireadh, agus is esan am britheamh. 51 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma chumas neach m’ fhacal-sa, chan fhaic e bàs gu bràth.” 52 An uair sin thuirt na h-Iùdhaich ris, “A-nis tha fios againn gu bheil deamhan annad. Fhuair Abrahàm bàs, fhuair agus na fàidhean, ach tha thusa ag ràdh, ‘Ma chumas neach m’ fhacal-sa, cha bhlais e bàs gu bràth.’ 53 Chan eil thusa nas motha na ar n-athair Abrahàm, a fhuair bàs, a bheil? Fhuair na fàidhean bàs cuideachd! Cò a tha thu a’ dèanamh dhìot fhèin?” 54 Fhreagair Ìosa, “Ma tha mi a’ toirt glòir dhomh fhèin, chan eil nam ghlòir ach neoni. Is e m’ Athair, a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia, a tha a’ toirt glòir dhomh. 55 Ach chan eil sibh air eòlas a chur air. Tha eòlas agamsa air, agus nan canainn nach aithne dhomh e, bhithinn nam bhreugaire coltach ribhse, ach is aithne dhomh e agus tha mi a’ cumail an fhacail aigesan. 56 Rinn Abrahàm ur n-athair-se aoibhneas gum faiceadh e mo latha-sa; chunnaic e e, agus bha e aoibhneach.” 57 Mar sin thuirt na h-Iùdhaich ris, “Chan eil thu fhathast caogad bliadhna a dh’aois, agus a bheil thu air Abrahàm fhaicinn?” 58 Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mun robh Abrahàm ann, ‘Is mi.’” 59 Mar sin thog iadsan clachan airson an tilgeadh air Ìosa, ach dh’fhalaich e e fhèin agus chaidh e a-mach às an teampall.

9

Ìosa a’ leigheas duine a rugadh dall 1 Agus nuair a ghabh Ìosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e. 2 Dh’fhaighnich a dheisciobail dha, “A Rabaidh, cò a pheacaich, an duine seo no a phàrantan, gun do rugadh dall e?” 3 Fhreagair Ìosa, “Cha b’ e gun do pheacaich an duine seo, no a phàrantan, ach airson ’s gum biodh obraichean Dhè air am foillseachadh ann. 4 Feumaidh sinn obraichean an aoin a chuir a-mach mi a dhèanamh, cho fada ’s a tha an latha ann. Tha an oidhche a’ tighinn, nuair nach urrainn do neach sam bith obair a dhèanamh. 5 Cho fad ’s a tha mise anns an t-saoghal, is mi solas an t-saoghail.” 6 Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, thilg e smugaid air an talamh, agus rinn e crèadh dhen smugaid, agus sgaoil e a’ chrèadh air sùilean an doill. 7 Thuirt e ris, “Fhalbh ’s glan thu fhèin ann an linne Shilòaim” (a tha a’ ciallachadh ‘Air a Chur’). Mar sin dh’fhalbh e, agus ghlan e e fhèin, agus thàinig e air ais is e a’ faicinn. 8 Thuirt na coimhearsnaich agus iadsan a chunnaic roimhe sin na dhèirceach e, “Nach e seo esan a bha na shuidhe ag iarraidh dèirce?” 9 Thui rt cuid, “Is e seo e.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, ach tha e coltach ris.” Chùm e fhèin air ag ràdh, “Is mi e.” 10 Mar sin thuirt iad ris, “Ciamar a chaidh do shùilean fhosgladh?” 11 Fhreagair esan, “Rinn duine leis an ainm Ìosa crèadh agus sgaoil e air mo shùilean i, agus thuirt e rium, ‘Fhalbh gu linne Shilòaim, agus glan thu fhèin.’ Mar sin dh’fhalbh mi agus ghlan mi mi fhèin, agus fhuair mi mo fhradharc.” 12 Thuirt iad ris, “Càit a bheil e?” “Chan eil fios agam,” thuirt esan. Na Pharasaich a’ rannsachadh an leighis 13 Thug iad gu na Pharasaich esan a bha dall roimhe. 14 Agus b’ e latha Sàbaid a bh’ ann nuair a rinn Ìosa a’ chrèadh agus a dh’fhosgail e a shùilean. 15 Mar sin dh’fhaighnich na Pharasaich dha a-rithist ciamar a fhuair e a fhradharc. Thuirt esan riutha, “Chuir e crèadh air mo shùilean, agus ghlan mise mi fhèin, agus tha mi a’ faicinn.” 16 Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn ’s nach eil e a’ cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg. 17 Mar sin thuirt iad a-rithist ris an duine dhall, “Dè a tha thusa ag ràdh ma dheidhinn-san, on a dh’fhosgail e do shùilean?” Agus thuirt esan, “Is e fàidh a th’ ann.” 18 Ach cha do chreid na h-Iùdhaich gun robh e air a bhith dall agus gun robh e air a fhradharc fhaighinn, gus an do ghairm iad pàrantan an aoin a bha air a fhradharc fhaighinn. 19 Dh’fhaighnich iad dhaibh, “An e seo ur mac-se, a tha sibh ag ràdh a rugadh dall? Ciamar mar sin a tha e a-nis a’ faicinn?” 20 Fhreagair a phàrantan, “Tha fios againn gur e seo ar mac, agus gun do rugadh dall e. 21 Ach ciamar a tha e a-nis a’ faicinn chan eil fios againn, no cò a dh’fhosgail a shùilean chan aithne dhuinn. Faighnichibh dha fhèin. Tha e air tighinn gu aois; bruidhinnidh e air a shon fhèin.” 22 Thuirt a phàrantan na briathran seo a chionn ’s gun robh eagal nan Iùdhach orra, oir bha na h-Iùdhaich air aontachadh mu thràth, nan aidicheadh duine sam bith gum b’ esan Crìosd, gun deigheadh a chur às an t-sionagog. 23 Air an adhbhar sin thuirt a phàrantan, “Tha e air tighinn gu aois, faighnichibh dha fhèin.” 24 Mar sin ghairm iad an dara h-uair air an duine a bha dall, agus thuirt iad ris, “Thoir glòir do Dhia; tha fios againn gur e peacach a th’ anns an duine seo.” 25 Fhreagair esan, “Mas e peacach a th’ ann, chan aithne dhomh. Air aon rud tha fios agam. Bha mi dall; a-nis tha mi a’ faicinn.” 26 An uair sin thuirt iad ris, “Dè a rinn e riut? Ciamar a dh’fhosgail e do shùilean?” 27 Fhreagair e iad, “Dh’innis mi dhuibh mu thràth agus cha do dh’èist sibh. Carson a bu toigh leibh a chluinntinn a-rithist? A bheil sibhse cuideachd a’ miannachadh a bhith nur deisciobail aige?” 28 Chàin iad e agus thuirt iad, “Is tusa a dheisciobal-san, ach is sinne deisciobail Mhaois! 29 Tha fios againn gun do bhruidhinn Dia ri Maois, ach an duine seo, chan eil fios againn cò às a tha e.” 30 Fhreagair an duine, “Seo, a-nis, far a bheil an rud iongantach! Chan aithne dhuibh cò às a tha e, ach a dh’aindeoin sin dh’fhosgail e mo shùilean. 31 Is aithne dhuinne nach èist Dia ri peacaich. Ach ma tha neach sam bith na fhear-adhraidh do Dhia agus a’ dèanamh a thoil, ris-san èistidh e. 32 O thoiseach an t-saoghail cha chualas gun do dh’fhosgail aon neach sùilean duine a rugadh dall. 33 Mura biodh an duine seo o Dhia, cha b’ urrainn dha rud sam bith a dhèanamh.” 34 Fhreagair iadsan e, “Rugadh thusa uile-gu-lèir ann am peacaidhean, agus a bheil thu gar teagasg-ne?” Agus thilg iad a-mach e.Doille spioradail 35 Chuala Ìosa gun do thilg iad a-mach e, agus nuair a lorg e e thuirt e ris, “A bheil thu a’ creidsinn ann am Mac an Duine?” 36 Fhreagair esan, “Cò e, a Thighearna, airson ’s gun creid mi ann?” 37 Thuirt Ìosa ris, “Tha thu air fhaicinn agus is esan am fear a tha a’ bruidhinn riut.” 38 Thuirt esan, “A Thighearna, tha mi a’ creidsinn,” agus rinn e adhradh dha. 39 Thuirt Ìosa, “Is ann airson breitheanais a thàinig mise a-steach dhan t-saoghal seo, airson ’s gum faiceadh iadsan nach eil a’ faicinn, agus airson ’s gum biodh iadsan a tha a’ faicinn air an dèanamh dall.” 40 Chuala cuid dhe na Pharasaich a bha còmhla ris na rudan seo agus thuirt iad ris, “A bheil sinne cuideachd dall?” 41 Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh dall, cha bhiodh sibh ciontach de pheacadh; ach a-nis on a tha sibh ag ràdh, ‘Tha sinn a’ faicinn,’ tha ur peacadh a’ fantainn.”

10

Am Buachaille agus a threud 1 “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach nach tèid a-steach do chrò nan caorach tron doras, ach a shreapas suas air dhòigh eile, ’s e mèirleach agus creachadair a th’ ann. 2 Ach an neach a thèid a-steach air an doras, is esan buachaille nan caorach. 3 Dhàsan fosglaidh an dorsair an doras, agus cluinnidh na caoraich a ghuth, agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a-mach iad. 4 Nuair a tha e air a chuid fhèin gu lèir a thoirt a-mach, tha e a’ dol romhpa, agus tha na caoraich ga leantainn a chionn ’s gun aithne dhaibh a ghuth. 5 Cha lean iad coigreach, ach teichidh iad uaithe, a chionn ’s nach aithne dhaibh guth coigrich.” 6 Chleachd Ìosa an samhla seo, ach cha do thuig iadsan dè a bha e ag ràdh riutha. 7 Mar sin thuirt Ìosa riutha a-rithist, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach. 8 Iadsan uile a thàinig romhamsa, ’s e mèirlich agus creachadairean a bh’ annta, ach cha do dh’èist na caoraich riutha. 9 Is mise an doras; ma thig neach sam bith a-steach tromhamsa, thèid a theàrnadh, agus thèid e a-steach agus a-mach, agus gheibh e ionaltradh. 10 Cha tig am mèirleach ach a ghoid agus a mharbhadh agus a mhilleadh; thàinig mise airson ’s gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca ann am pailteas. 11 “Is mise am buachaille math. Leigidh am buachaille math a bheatha sìos airson nan caorach. 12 Ach esan a tha na fhear-tuarastail, agus nach eil na bhuachaille, agus nach ann leis fhèin a tha na caoraich, chì e am madadh-allaidh a’ tighinn agus fàgaidh e na caoraich is teichidh e, agus glacaidh am madadh-allaidh iad agus sgapaidh e iad. 13 Teichidh e a chionn ’s gur e fear-tuarastail a th’ ann, agus nach eil cùram aige dha na caoraich. 14 “Is mise am buachaille math; is aithne dhomh mo chaoraich fhèin agus is aithne dha mo chaoraich fhèin mise – 15 dìreach mar as aithne dhan Athair mise agus mar as aithne dhòmhsa an t-Athair – agus tha mi a’ leigeil mo bheatha sìos airson nan caorach. 16 Tha caoraich eile agam nach eil dhen chrò seo. Feumaidh mi iad sin a threòrachadh cuideachd. Èistidh iadsan cuideachd rim ghuth, agus bidh aon treud ann agus aon bhuachaille. 17 A chionn ’s gu bheil mi a’ leigeil sìos mo bheatha, airson a togail suas a-rithist, air an adhbhar seo tha an t-Athair ga mo ghràdhachadh. 18 Chan eil neach sam bith ga toirt uam, ach tha mi ga leigeil sìos a rèir mo thoil fhèin. Tha ùghdarras agam a leigeil sìos agus ùghdarras a togail suas a-rithist. An àithne seo fhuair mi om Athair.” 19 Dh’èirich sgaradh a-rithist am measg nan Iùdhach air sgàth nam briathran seo. 20 Thuirt mòran dhiubh, “Tha deamhan ann agus tha e às a rian. Carson a tha sibh ag èisteachd ris?” 21 Thuirt cuid eile, “Chan iad seo briathran duine anns a bheil deamhan. A bheil deamhan comasach air sùilean nan dall fhosgladh?”Às-creideamh nan Iùdhach 22 Aig an àm sin bha Fèill an Ath-choisrigidh ann an Ierusalem. b’ e an geamhradh a bh’ ann, 23 agus bha Ìosa a’ coiseachd anns an teampall ann an sgàil-thaigh Sholaimh. 24 Chruinnich na h-Iùdhaich timcheall air, agus thuirt iad ris, “Dè cho fada ’s a chumas tu fo theagamh sinn? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.” 25 Fhreagair Ìosa iad, “Dh’innis mi dhuibh, ach cha do chreid sibh. Na h-obraichean a tha mi a’ dèanamh ann an ainm m’ Athar, tha iad sin a’ toirt fianais mum dheidhinn, 26 ach chan eil sibhse a’ creidsinn, a chionn ’s nach ann dhem chaoraich a tha sibh. 27 Tha mo chaoraich-sa ag èisteachd rim ghuth agus is aithne dhòmhsa iad, agus tha iad gam leantainn. 28 Tha mi a’ toirt na beatha sìorraidh dhaibh agus cha tèid an sgrios gu bràth; cha mhò a spìonas neach sam bith às mo làimh iad. 29 M’ Athair, a th’ air an toirt dhòmhsa, is motha esan na na h-uile; chan urrainn do neach sam bith an spìonadh à làimh m’ Athar. 30 Mise agus an t-Athair, is aon sinn.” 31 Thog na h-Iùdhaich clachan a-rithist airson a chlachadh. 32 Fhreagair Ìosa iad, “Sheall mi dhuibh mòran obraichean matha on Athair. Dè an tè dhe na h-obraichean sin as adhbhar dhuibh a bhith a’ dol gam chlachadh?” 33 Fhreagair na h-Iùdhaich e, “Chan ann airson obair mhath a tha sinn a’ dol gad chlachadh, ach airson toibheim, a chionn ’s gu bheil thusa, nach eil ach nad dhuine, a’ dèanamh Dia dhìot fhèin.” 34 Fhreagair Ìosa iad, “Nach eil e sgrìobhte nur lagh-se, ‘Thuirt mi, is diathan sibh’?” 35 Ma ghabh e ‘diathan’ orrasan chun an tàinig facal Dhè – agus chan fhaodar an Sgriobtar a bhriseadh – 36 an can sibh ris-san, a naomhaich an t-Athair agus a chuir e dhan t-saoghal, ‘Tha thu ag ràdh toibheim,’ a chionn ’s gun tuirt mi, ‘Is mise Mac Dhè’? 37 Mura dèan mi obraichean m’ Athar, na creidibh mi. 38 Ach ma nì mi iad, ged nach eil sibh gam chreidsinn-sa, creidibh na h-obraichean, airson gum bi fios agaibh agus gun tuig sibh gu bheil an t-Athair annamsa, agus mise anns an Athair.” 39 Dh’fheuch iad ri a ghlacadh a-rithist, ach chaidh e às an làmhan. 40 Agus chaidh e a-rithist thar Iòrdain, dhan àite far an robh Eòin air a bhith a’ baisteadh an toiseach, agus dh’fhuirich e an sin. 41 Thàinig mòran thuige. Agus thuirt iad, “Cha do rinn Eòin aon chomharra mìorbhaileach, ach bha a h-uile rud a thuirt Eòin mun duine seo fìor.” 42 Agus chreid mòran ann anns an àite sin.

11

Bàs Làsarais 1 A-nis bha duine àraidh tinn, Làsaras, o Bhetani, baile Màiri is Marta a piuthar. 2 B’ i a’ Mhàiri sin aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn a dh’ung an Tighearna le acfhainn, agus a thiormaich a chasan le a falt. 3 Mar sin chuir na peathraichean fios thuige, ag ràdh, “A Thighearna, tha an neach as gràdhach leat tinn.” 4 Ach nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e, “Chan ann gu bàs a thig an tinneas seo, ach gu glòir Dhè, airson ’s gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh troimhe.” 5 A-nis bha gràdh aig Ìosa air Marta agus air a piuthair agus air Làsaras. 6 Mar sin, nuair a chuala e gun robh esan tinn, dh’fhan e dà latha a bharrachd anns an àite far an robh e. 7 Às dèidh sin, thuirt e ri a dheisciobail, “Rachamaid a-rithist a dh’Iudèa.” 8 Thuirt na deisciobail ris, “A Rabaidh, o chionn ghoirid bha na h-Iùdhaich ag iarraidh do chlachadh, agus a bheil thu a’ dol an sin a-rithist?” 9 Fhreagair Ìosa, “Nach eil dà uair dheug anns an latha? Ma choisicheas duine sam bith san latha, cha tuislich e, a chionn ’s gu bheil e a’ faicinn solas an t-saoghail seo. 10 Ach ma choisicheas duine sam bith air an oidhche, tuislichidh e, a chionn ’s nach eil an solas ann.” 11 Às dèidh dha na rudan seo a ràdh thuirt e riutha, “Tha ar caraid Làsaras air tuiteam na chadal, ach tha mise a’ dol an sin ga dhùsgadh.” 12 Thuirt na deisciobail, “A Thighearna, ma tha e air tuiteam na chadal, bidh e slàn.” 13 A-nis bha Ìosa air bruidhinn mu a bhàs, ach shaoil iadsan gun robh e a’ bruidhinn mu fhois cadail. 14 Mar sin thuirt Ìosa an uair sin riutha gu soilleir, “Tha Làsaras air bàsachadh, 15 agus tha mi toilichte air ur son-se nach robh mi ann, airson ’s gun creid sibh. Ach rachamaid thuige.” 16 An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus ) ri a cho-dheisciobail, “Rachamaid-ne cuideachd, airson ’s gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.”Ìosa a’ cofhurtachadh nam peathraichean 17 Nuair a ràinig Ìosa, fhuair e a-mach gun robh Làsaras air a bhith ceithir latha mu thràth anns an tuam. 18 Bha Betani mu thrì cilemeatair o Ierusalem. 19 Agus bha mòran dhe na h-Iùdhaich air tighinn gu Marta is Màiri, airson cofhurtachd a thoirt dhaibh a thaobh am bràthar. 20 Mar sin, nuair a chuala Marta gun robh Ìosa a’ tighinn, chaidh i na choinneamh, ach dh’fhan Màiri na suidhe anns an taigh. 21 Thuirt Marta ri Ìosa, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh. 22 Ach fiù ’s an-dràsta tha fios agam, ge b’ e dè na rudan a dh’iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad.” 23 Thuirt Ìosa rithe, “Èiridh do bhràthair a-rithist.” 24 Thuirt Marta ris, “Tha fios agam gun èirich e a-rithist anns an aiseirigh air an latha dheireannach.” 25 Thuirt Ìosa rithe, “Is mise an aiseirigh agus a’ bheatha. Ge b’ e cò a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bidh e beò; 26 agus ge b’ e neach a tha beò agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs gu bràth. A bheil thu a’ creidsinn seo?” 27 Thuirt i ris, “Tha, a Thighearna, tha mi a’ creidsinn gur tusa an Crìosd, Mac Dhè, a bha a’ dol a thighinn a-steach dhan t-saoghal.” 28 Às dèidh dhi seo a ràdh, dh’fhalbh i agus ghairm i air a piuthar Màiri, ag ràdh gu dìomhair, “Tha an Neach-teagaisg an seo, agus tha e gad ghairm.” 29 Agus nuair a chuala ise seo, dh’èirich i gu luath agus chaidh i thuige. 30 A-nis cha robh Ìosa fhathast air tighinn a-steach dhan bhaile, ach bha e fhathast anns an àite far an do choinnich Marta ris. 31 Bha Iùdhaich còmhla rithe anns an taigh a’ toirt cofhurtachd dhi. Nuair a chunnaic iad Màiri ag èirigh gu luath agus a’ dol a-mach, lean iad i, a’ smaoineachadh gun robh i a’ dol chun an tuaim a chaoineadh an sin. 32 Mar sin, nuair a thàinig Màiri dhan àite far an robh Ìosa agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh.” 33 Nuair a chunnaic Ìosa i a’ caoineadh, agus na h-Iùdhaich a thàinig còmhla rithe cuideachd a’ caoineadh, bha e air a ghluasad gu domhainn na spiorad, agus fo chùram mòr. 34 Agus thuirt e, “Càit an do chuir sibh e?” Thuirt iad ris, “A Thighearna, thig agus faic.” 35 Chaoin Ìosa. 36 Mar sin thuirt na h-Iùdhaich, “Seall mar a ghràdhaich e e!” 37 Ach thuirt cuid dhiubh, “Nach b’ urrainn dhan duine seo, a dh’fhosgail sùilean an fhir a bha dall, cuideachd a bhith air am fear seo a chumail on bhàs?”Ìosa a’ togail Làsarais o na mairbh 38 An uair sin thàinig Ìosa, air a ghluasad gu domhainn a-rithist, chun an tuaim. b’ e uamh a bh’ ann, agus bha clach air a cur ri a h-aghaidh. 39 Thuirt Ìosa, “Thoiribh air falbh a’ chlach.” Thuirt Marta, piuthar an duine mhairbh, ris, “A Thighearna, mun àm seo bidh droch fhàileadh dheth, oir is e seo an ceathramh latha on a bhàsaich e.” 40 Thuirt Ìosa rithe, “Nach tuirt mi riut, nan creideadh tu, gum faiceadh tu glòir Dhè?” 41 Mar sin thug iad air falbh a’ chlach. Agus sheall Ìosa suas, is thuirt e, “Athair, tha mi a’ toirt taing dhut gu bheil thu air mo chluinntinn. 42 Tha fios agam gu bheil thu gam chluinntinn an-còmhnaidh, ach thuirt mi seo air sgàth an t-sluaigh a tha nan seasamh mun cuairt, airson ’s gun creid iad gun do chuir thusa a-mach mi.” 43 Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, dh’èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a-mach!” 44 Thàinig esan a bha air bàsachadh a-mach, a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach-mhairbh, agus bha aghaidh air a suaineadh le clò-aodainn. Thuirt Ìosa riutha, “Fuasglaibh e, agus leigibh leis falbh.”Innleachd airson Ìosa a mharbhadh 45 Chreid mòran dhe na h-Iùdhaich, a bh’ air tighinn gu Màiri agus a chunnaic na rinn e, ann an Ìosa. 46 Ach dh’fhalbh cuid dhiubh gu na Pharasaich agus dh’innis iad dhaibh na rudan a rinn Ìosa. 47 Mar sin chruinnich na h-àrd-shagartan agus na Pharasaich an Comhairle, agus dh’fhaighnich iad, “Dè a nì sinn? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran chomharraidhean mìorbhaileach. 48 Ma leigeas sinn leis cumail air mar seo, creididh na h-uile ann, agus thig na Ròmanaich agus bheir iad air falbh an dà chuid ar n-àite agus ar nàisean.” 49 Ach thuirt fear dhiubh, Caiaphas, a bha na àrd-shagart air a’ bhliadhna sin, riutha, “Chan aithne dhuibh rud sam bith! 50 Cha mhò a tha sibh a’ tuigsinn gum biodh e na b’ fheàrr dhuibh nam bàsaicheadh aon duine airson an t-sluaigh, agus nach biodh an nàisean gu lèir air a sgrios.” 51 Cha b’ ann uaithe fhèin a thuirt e seo, ach a chionn ’s gun robh e na àrd-shagart air a’ bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Ìosa bàs airson an nàisein, 52 agus chan ann airson an nàisein a-mhàin, ach cuideachd airson ’s gun cruinnicheadh e còmhla, nan aon, clann Dhè a bh’ air an sgapadh mu sgaoil. 53 Mar sin, on latha sin a-mach, rinn iad innleachd airson esan a chur gu bàs. 54 Mar sin cha do choisich Ìosa tuilleadh gu follaiseach am measg nan Iùdhach, ach chaidh e às a sin dhan sgìre a bha faisg air an fhàsach, gu baile ris an canar Ephraim, agus an sin dh’fhuirich e còmhla ri a dheisciobail. 55 Bha Càisg nan Iùdhach faisg, agus chaidh mòran suas às an dùthaich a dh’Ierusalem ron Chàisg, airson iad fhèin a ghlanadh gu deas-ghnàthach. 56 Mar sin bha iad a’ lorg Ìosa, agus ag ràdh ri chèile, fhad ’s a bha iad nan seasamh anns an teampall, “Dè ur barail-se? Cha tig e chun na Fèille, an tig?” 57 A-nis bha na h-àrd-shagartan agus na Pharasaich air àithntean a thoirt seachad, nam biodh fios aig neach sam bith càit an robh e, gun innseadh e dhaibh e, airson ’s gun glacadh iad e.

12

Ìosa air ungadh aig Betani 1 Sia latha ron Chàisg, thàinig Ìosa gu Betani, far an robh Làsaras, a bha e air a thogail o na mairbh. 2 An uair sin rinn iad suipear dha an sin. Bha Marta a’ frithealadh agus bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig a’ bhòrd còmhla ris. 3 An uair sin ghabh Màiri mu leth liotair de dh’fhìor nàrd, acfhainn fìor chosgail, agus dh’ung i casan Ìosa agus thiormaich i a chasan le a falt. Chaidh an taigh a lìonadh le fàileadh cùbhraidh na h-acfhainne. 4 Ach thuirt aon dhe na deisciobail aige, Iùdas Iscariot, a bha a’ dol ga bhrathadh, 5 “Carson nach deach an acfhainn seo a reic airson tuarastal aon bhliadhna agus nach deach a thoirt dha na bochdan?” 6 Cha b’ ann a chionn ’s gun robh e fo chùram mu na bochdan a thuirt e seo, ach a chionn ’s gum b’ e mèirleach a bh’ ann; bha an sporan aige agus bhiodh e a’ togail leis na chaidh a chur ann. 7 Agus thuirt Ìosa, “Leig leatha, ach an glèidh i e airson latha m’ adhlacaidh. 8 Oir tha na bochdan agaibh còmhla ribh an-còmhnaidh, ach chan eil mise agaibh an-còmhnaidh.” 9 Nuair a fhuair sluagh mòr dhe na h-Iùdhaich a-mach gun robh e an sin, thàinig iad, cha b’ ann air sgàth Ìosa a-mhàin, ach cuideachd airson Làsaras fhaicinn, a thog esan o na mairbh. 10 Ach rinn na h-àrd-shagartan innleachd airson Làsaras a mharbhadh cuideachd, 11 a chionn ’s air a sgàth-san gun robh mòran dhe na h-Iùdhaich a’ falbh agus a’ creidsinn ann an Ìosa.An dol a-steach caithreamach 12 An ath latha, chuala am mòr-shluagh a bh’ air tighinn chun na Fèille gun robh Ìosa a’ tighinn gu Ierusalem. 13 Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a-mach ga choinneachadh, ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a’ tighinn ann an ainm an Tighearna!” “Rìgh Israeil!” 14 Lorg Ìosa asal òg, agus shuidh e oirre, a rèir mar a tha e sgrìobhte, 15 “Na biodh eagal ort, a nighean Shioin; seall, tha do Rìgh a’ tighinn, na shuidhe air searrach asail.” 16 Cha do thuig a dheisciobail na rudan seo aig an àm, ach nuair a chaidh Ìosa a ghlòrachadh, an uair sin chuimhnich iad gun robh na rudan seo sgrìobhte ma dheidhinn, agus gun deach na rudan seo a dhèanamh air a shon. 17 Mar sin lean an sluagh orra a’ toirt fianais; iadsan a bha còmhla ris nuair a ghairm e Làsaras às an tuam agus a thog e o na mairbh e. 18 B’ ann air an adhbhar seo a chaidh an sluagh a-mach ga choinneachadh, a chionn ’s gun cuala iad gun do rinn e an comharra mìorbhaileach seo. 19 Mar sin thuirt na Pharasaich ri càch-a-chèile, “Tha sibh a’ faicinn nach eil sibh a’ buannachadh rud sam bith. Seallaibh, tha an saoghal air a dhol às a dhèidh!”Ìosa a’ fàidheadaireachd mu a bhàs 20 A-nis bha Greugaich àraidh am measg na muinntir a chaidh suas airson adhradh a dhèanamh aig an Fhèill. 21 Mar sin thàinig iadsan gu Philip, a bha o Bhetsaida ann an Galile, agus dh’fhaighnich iad dha, “A thighearna, bu toigh leinn Ìosa fhaicinn.” 22 Dh’fhalbh Philip agus dh’innis e do dh’Anndra; agus dh’innis Anndra agus Philip do dh’Ìosa. 23 Agus fhreagair Ìosa iad, “Tha an uair air tighinn airson Mac an Duine a bhith air a ghlòrachadh. 24 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h-aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a-mach toradh mòr. 25 Ge b’ e cò a ghràdhaicheas a bheatha, caillidh e i, agus esan a dh’fhuathaicheas a bheatha anns an t-saoghal seo, gleidhidh e i airson na beatha sìorraidh. 26 Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b’ e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m’ Athair urram dha. 27 “A-nis tha m’ anam fo àmhghar, agus dè a chanas mi? ‘Athair, sàbhail mi on uair seo’? Ach is ann air an adhbhar seo a thàinig mi chun na h-uarach seo. 28 Athair, glòraich d’ ainm!” An uair sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Tha mi air a ghlòrachadh, agus glòraichidh mi a-rithist e.” 29 Thuirt an sluagh, a sheas an làthair agus a chuala e, gun robh tàirneanach air a bhith ann. Thuirt feadhainn eile, “Bhruidhinn aingeal ris.” 30 Fhreagair Ìosa, “Cha b’ ann air mo shon-sa a thàinig an guth seo, ach air ur son-se. 31 A-nis tha breitheanas an t-saoghail seo ann; a-nis bidh riaghladair an t-saoghail seo air a thilgeil a-mach. 32 Agus mise, nuair a bhios mi air mo thogail suas on talamh, tàirngidh mi na h-uile thugam.” 33 Ach thuirt e seo airson comharrachadh dè an seòrsa bàis leis an robh e a’ dol a bhàsachadh. 34 Fhreagair an sluagh e, “Chuala sinne on lagh gum fan an Crìosd gu sìorraidh. Ciamar as urrainn dhutsa a ràdh gum feum Mac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?” 35 Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada ’s a tha an solas agaibh, airson ’s nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a’ coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol. 36 Cho fada ’s a tha an solas agaibh, creidibh anns an t-solas airson ’s gun tig sibh gus a bhith nur cloinn de sholas.” Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh dh’fhalbh e, agus dh’fhalaich e e fhèin uapa.Na h-Iùdhaich a’ cumail orra nan às-creideamh 37 Ged a bha e air na h-uimhir de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh man coinneamh, cha robh iad fhathast a’ creidsinn ann. 38 Bha seo airson ’s gum biodh am facal a thuirt am fàidh Isaiah air a choileanadh: “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd agus cò dha a bha gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh?” 39 Cha robh e an comas dhaibh creidsinn, a chionn ’s gun tuirt Isaiah cuideachd, 40 “Tha e air an sùilean a dhalladh agus air an cridhe a dhèanamh cruaidh, airson ’s nach faic iad len sùilean agus nach tuig iad len cridhe, agus nach tionndaidheadh iad ’s gun slànaichinn-sa iad.” 41 Thuirt Isaiah na rudan seo a chionn ’s gum faca e glòir Ìosa, agus bhruidhinn e ma dheidhinn-san. 42 A dh’aindeoin sin, chreid mòran fiù ’s dhen luchd-riaghlaidh ann. Ach air sgàth nam Pharasach cha do dh’aidich iad e, airson ’s nach deigheadh an cur a-mach às an t-sionagog; 43 oir bu ghràdhach leotha glòir dhaoine os cionn glòir Dhè. 44 Agus dh’èigh Ìosa, “An neach a chreideas annamsa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an aon a chuir a-mach mi. 45 Agus an neach a tha gam fhaicinn-sa, tha e a’ faicinn an aoin a chuir a-mach mi. 46 Tha mi air tighinn a-steach dhan t-saoghal nam sholas, airson ’s, ge b’ e cò a chreideas annamsa, nach fan e anns an dorchadas. 47 “Ma chluinneas neach sam bith mo bhriathran-sa, agus nach cùm e iad, chan eil mise a’ toirt breith air. Oir cha tàinig mi airson breith a thoirt air an t-saoghal, ach airson an saoghal a shaoradh. 48 An neach a tha gam dhiùltadh-sa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aon ann a bheir breith air; am facal a thubhairt mi, bheir e breith air, air an latha dheireannach. 49 Oir cha do bhruidhinn mi uam fhèin, ach thug an t-Athair fhèin a chuir a-mach mi àithne dhomh mu na chanainn agus dè a chanainn. 50 Agus tha fios agam gur e beatha shìorraidh a tha na àithne-san. Mar sin, na rudan a tha mi ag ràdh, tha mi ag ràdh mar a dh’innis an t-Athair dhomh.”

13

Ìosa a’ nighe casan a dheisciobal 1 A-nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b’ aithne do dh’Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t-saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh’ anns an t-saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad. 2 Agus fhad ’s a bha iad aig suipear, bha an diabhal mu thràth air a chur ann an cridhe Iùdais Iscariot, mac Shìmoin, esan a bhrath. 3 Bha fios aig Ìosa gun tug an t-Athair a h-uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a’ dol. 4 Dh’èirich Ìosa on t-suipeir, agus chuir e dheth an t-aodach uachdair aige, agus a’ gabhail grèim air searbhadair, shuain e mun cuairt air fhèin e. 5 An uair sin, dhòirt e uisge ann an soitheach-nighe, agus thòisich e air casan nan deisciobal a nighe agus an tiormachadh leis an t-searbhadair a bha suainte mun cuairt air fhèin. 6 Thàinig e gu Sìmon Peadar, a thuirt ris, “A Thighearna, a bheil thusa a’ dol a nighe mo chasan-sa?” 7 Fhreagair Ìosa, “An rud seo a tha mi a’ dèanamh cha tuig thusa an-dràsta, ach tuigidh tu às dèidh seo.” 8 Thuirt Peadar ris, “Cha nigh thu mo chasan-sa gu bràth.” Fhreagair Ìosa e, “Mura nigh mi thu, chan eil pàirt agad còmhla rium.” 9 Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, chan iad mo chasan a-mhàin, ach cuideachd mo làmhan agus mo cheann!” 10 Fhreagair Ìosa, “An neach a th’ air a nighe, chan eil feum aige ach air a chasan a ghlanadh agus tha e gu h-iomlan glan. Agus tha sibhse glan, ach chan eil a h-uile h-aon agaibh glan.” 11 Oir bha fios aige cò a bha a’ dol ga bhrathadh; b’ ann air an adhbhar sin a thuirt e, “Chan eil a h-uile h-aon agaibh glan.” 12 Mar sin, às dèidh dha an casan a nighe, agus a chuid aodaich uachdair a chur air, shuidh e air ais na àite fhèin, agus thuirt e riutha, “A bheil sibh a’ tuigsinn dè a rinn mi dhuibh? 13 Tha sibh a’ gabhail Fear-teagaisg agus Tighearna ormsa, agus tha sibh ceart, oir is e sin a th’ annam. 14 Mar sin, ma nigh mise – ur Tighearna agus ur Fear-teagaisg – ur casan-se, bu chòir dhuibhse cuideachd casan a chèile a nighe. 15 Oir thug mi eisimpleir dhuibh, airson ’s gun dèanadh sibhse cuideachd mar a rinn mise dhuibhse. 16 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir, agus chan eil teachdaire nas motha na an neach a chuir a-mach e. 17 Mas aithne dhuibh na rudan seo, is beannaichte a tha sibh ma nì sibh iad.”Ìosa a’ fàidheadaireachd mu a bhrathadh 18 “Chan eil mi a’ bruidhinn mur deidhinn uile; is aithne dhomh cò iad a thagh mi. Ach feumaidh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh: ‘An neach a tha ag ithe m’ aran-sa, thog e a shàil nam aghaidh.’ 19 “Tha mi ag innse seo dhuibh a-nis mus tachair e, airson ’s nuair a thachras e, gun creid sibh gur mise esan. 20 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b’ e cò a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise a-mach, tha e a’ gabhail riumsa, agus ge b’ e cò a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an aon a chuir a-mach mi.” 21 Às dèidh do dh’Ìosa na rudan seo a ràdh, bha e fo dhragh mòr na spiorad, agus thug e fianais, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.” 22 Sheall na deisciobail ri chèile agus iad mì-chinnteach a thaobh cò ma dheidhinn a bha e a’ bruidhinn. 23 Bha aon dhe na deisciobail aige, am fear a bu ghràdhach le Ìosa, na shìneadh air com Ìosa. 24 Mar sin smèid Sìmon Peadar ris-san, airson ’s gum faighnicheadh e do dh’Ìosa cò mu dheidhinn a bhruidhinn e. 25 A’ sìneadh air ais mar sin air com Ìosa, thuirt e ris, “A Thighearna, cò e?” 26 Fhreagair Ìosa, “Is esan an neach sin dhan toir mise an grèim arain seo, às dèidh dhomh a bhogadh.” Agus nuair a bhog e an grèim, thug e do dh’Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, e. 27 An uair sin, às dèidh dha an grèim a ghabhail, chaidh an Sàtan a-steach ann. Mar sin thuirt Ìosa ris, “An rud a tha thu a’ dol a dhèanamh, dèan gu luath e.” 28 Ach cha do thuig aon dhiubhsan a bha aig a’ bhòrd carson a thuirt e seo ris. 29 Shaoil cuid dhiubh, a chionn ’s gun robh an sporan aig Iùdas, gun robh Ìosa ag ràdh ris, “Ceannaich na rudan a tha a dhìth oirnn airson na Fèille,” no gum bu chòir dha rudeigin a thoirt dha na bochdan. 30 Mar sin, às dèidh dhàsan an grèim a ghabhail, chaidh e a-mach anns a’ bhad; agus bha an oidhche ann.Ìosa a’ fàidheadaireachd mu àicheadh Pheadair 31 Nuair a bha esan air a dhol a-mach, thuirt Ìosa, “A-nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh annsan. 32 Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a’ bhad e. 33 “A chlann bheag, bidh mise còmhla ribh dìreach ùine bheag fhathast. Siridh sibh mi, agus dìreach mar a thuirt mi ri na h-Iùdhaich, tha mi a-nis ag ràdh ribhse, ‘Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’. 34 “Àithne ùr tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile. Dìreach mar a ghràdhaich mise sibhse, feumaidh sibh fhèin a chèile a ghràdhachadh cuideachd. 35 Le seo aithnichidh na h-uile gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh dha chèile.” 36 Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, càit a bheil thu a’ dol?” Fhreagair Ìosa e, “Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn dhutsa mo leantainn an-dràsta, ach leanaidh tu mi às dèidh seo.” 37 Thuirt Peadar ris, “A Thighearna, carson nach urrainn dhomh do leantainn an-dràsta? Leigidh mise sìos mo bheatha air do shon.” 38 Fhreagair Ìosa, “An leig thusa do bheatha sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut nach gairm an coileach gus an àicheidh thu mi trì tursan.”

14

Ìosa a’ cofhurtachadh a dheisciobal 1 “Na biodh ur cridhe fo thrioblaid. Creidibh ann an Dia; creidibh annamsa cuideachd. 2 Ann an taigh m’ Athar-sa tha iomadh seòmar; mura biodh e mar sin, bhithinn-sa air innse dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh. 3 Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a-rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson ’s far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd. 4 Agus is aithne dhuibh an t-slighe air a bheil mi a’ dol.”Ìosa an t-slighe chun an Athar 5 Thuirt Tòmas ris, “A Thighearna, chan eil fios againn càit a bheil thu a’ dol; ciamar as urrainn eòlas a bhith againn air an t-slighe?” 6 Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t-slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa. 7 Nam biodh aithne air a bhith agaibh ormsa, bhiodh aithne air a bhith agaibh air m’ Athair cuideachd. A-nis is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e.” 8 Thuirt Philip ris, “A Thighearna, foillsich an t-Athair dhuinne, agus bidh sin gu leòr dhuinn.” 9 Thuirt Ìosa ris, “A bheil mise air a bhith ùine cho fada còmhla ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An neach a chunnaic mise, chunnaic e an t-Athair. Ciamar as urrainn dhut a ràdh, ‘Foillsich an t-Athair dhuinne’? 10 Nach eil thusa a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t-Athair annamsa? Na briathran a tha mi ag ràdh ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan ràdh. Ach an t-Athair, a tha a’ fantainn annamsa, tha esan a’ dèanamh a chuid obraichean fhèin. 11 Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t-Athair annamsa; no creidibh mi air sgàth nan obraichean fhèin. 12 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b’ e cò a chreideas annamsa, nì esan cuideachd na h-obraichean a tha mise a’ dèanamh. Agus nì e obraichean nas motha na iad seo, a chionn ’s gu bheil mise a’ dol chun an Athar. 13 Agus ge b’ e rud a dh’iarras sibh nam ainm-sa, nì mise sin, airson ’s gum bi an t-Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac. 14 Ma dh’iarras sibh rud sam bith nam ainm-sa, nì mise e.”Ìosa a’ gealltainn an Spioraid Naoimh 15 “Ma tha gràdh agaibh ormsa, cumaidh sibh m’ àithntean. 16 Agus iarraidh mise air an Athair, agus bheir e dhuibh Neach-cuideachaidh eile, airson fantainn còmhla ribh gu bràth – 17 Spiorad na Fìrinn – nach urrainn dhan t-saoghal a ghabhail, a chionn ’s nach eil e ga fhaicinn no eòlach air. Is aithne dhuibhse e, oir tha e a’ fantainn còmhla ribh, agus bidh e annaibh. 18 Chan fhàg mi sibh nur dilleachdain; thig mi thugaibh. 19 Ùine bheag fhathast agus chan fhaic an saoghal tuilleadh mi, ach chì sibhse mi. A chionn ’s gu bheil mise beò, bidh sibhse beò cuideachd. 20 Air an latha sin bidh fios agaibh gu bheil mise anns an Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibhse. 21 Ge b’ e cò aig a bheil m’ àithntean-sa agus a tha gan cumail, is ann aigesan a tha gràdh dhòmhsa. Agus an neach aig a bheil gràdh dhòmhsa, bidh e air a ghràdhachadh lem Athair, agus gràdhaichidh mise e agus foillsichidh mise mi fhèin dha.” 22 Thuirt Iùdas (chan e Iscariot) ris, “A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin dhan t-saoghal?” 23 Fhreagair Ìosa, “Ma ghràdhaicheas neach sam bith mise, cumaidh e m’ fhacal, agus gràdhaichidh m’ Athair esan, agus thig sinn thuige, agus nì sinn ar n-àite-fuirich còmhla ris. 24 Ge b’ e cò nach gràdhaich mise, cha chùm e mo bhriathran. Agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, chan ann leamsa a tha e, ach leis an Athair a chuir a-mach mi. 25 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh fhad ’s a tha mi fhathast còmhla ribh. 26 Ach an Neach-cuideachaidh, an Spiorad Naomh, a chuireas an t-Athair a-mach nam ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh a h-uile rud, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh gach rud a thuirt mise ribh. 27 Sìth tha mi a’ fàgail agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh. Chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal oirbh. 28 “Chuala sibh mi ag ràdh ribh, ‘Tha mi a’ falbh, agus thig mi air ais thugaibh. Nan robh gràdh agaibh dhòmhsa, bha sibh air a bhith aoibhneach, a chionn ’s gu bheil mi a’ dol chun an Athar, oir is motha an t-Athair na mise. 29 Agus a-nis tha mi air seo innse dhuibh mus tig e gu bith, airson, nuair a thachras e, gun creideadh sibh. 30 Cha dèan mi mòran bruidhne còmhla ribh tuilleadh, oir tha riaghladair an t-saoghail seo a’ tighinn, agus chan eil grèim sam bith aigesan orm, 31 ach tha mi a’ dèanamh mar a dh’àithn an t-Athair dhomh, airson gum bi fios aig an t-saoghal gu bheil gràdh agamsa air an Athair. “Èiribh, rachamaid às a seo.”

15

Am fìonan agus na geugan 1 “Is mise am fìonan fìor, agus is e m’ Athair an gàirnealair. 2 Bheir e air falbh a h-uile geug annamsa nach eil a’ giùlain toraidh, agus gach uile gheug a tha a’ giùlain toraidh, gearraidh e air ais i, airson ’s gun giùlain i barrachd toraidh. 3 Tha sibhse glan mu thràth tron fhacal a tha mi air a ràdh ribh. 4 Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn dhan ghèig toradh a ghiùlain uaipe fhèin mura fan i anns an fhìonan, cha mhò as urrainn dhuibhse mura fan sibh annamsa. 5 “Is mise am fìonan; is sibhse na geugan. An neach a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, is esan a ghiùlaineas mòran toraidh; oir às m’ aonais-sa chan urrainn dhuibh aon rud a dhèanamh. 6 Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeil a-mach mar ghèig agus a’ crìonadh; agus tha iad gan cruinneachadh, gan tilgeil dhan teine agus gan losgadh. 7 Ma dh’fhanas sibhse annamsa, agus ma dh’fhanas m’ fhaclan-sa annaibhse, iarraibh ge b’ e dè a thogras sibh, agus bidh e air a dhèanamh dhuibh. 8 Le seo a tha m’ Athair air a ghlòrachadh, gun giùlain sibhse mòr-thoradh, agus mar sin gun dearbh sibh gur sibh mo dheisciobail-sa. 9 “Mar a tha an t-Athair air mise a ghràdhachadh, mar sin ghràdhaich mise sibhse. Fanaibh nam ghràdh-sa. 10 Ma chumas sibh m’ àithntean, fanaidh sibh nam ghràdh; dìreach mar a chùm mise àithntean m’ Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh-san. 11 Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson ’s gum faodadh m’ aoibhneas a bhith annaibhse, agus airson ’s gum faodadh ur n-aoibhneas-se a bhith làn. 12 Is i seo m’ àithne-sa, gun gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse. 13 Gràdh nas motha na seo chan eil aig neach sam bith, gun leig duine a bheatha sìos airson a charaidean. 14 Is sibhse mo charaidean-sa, ma nì sibh na dh’àithneas mi dhuibh. 15 Chan eil mi a’ gabhail seirbheisich oirbh tuilleadh; oir chan aithne dhan t-seirbheiseach dè a tha a thighearna a’ dèanamh. Ach tha mi air caraidean a ghabhail oirbh; oir a h-uile rud a chuala mi om Athair, rinn mi aithnichte dhuibhse. 16 Chan e sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse agus dh’òrdaich mi sibh airson ’s gun deigheadh sibh agus gun toireadh sibh a-mach toradh, agus gum maireadh ur toradh, airson ’s ge b’ e rud a dh’iarras sibh on Athair nam ainm-sa, gun toir e dhuibh e. 17 Na rudan seo tha mi ag àithneadh dhuibh, airson ’s gun gràdhaich sibh a chèile.”Tha fuath aig an t-saoghal dha na deisciobail 18 “Ma tha fuath aig an t-saoghal dhuibhse, biodh fios agaibh gun robh fuath aige dhòmhsa an toiseach mus robh fuath aige dhuibhse. 19 Nam b’ ann dhen t-saoghal a bha sibh, ghràdhaicheadh an saoghal sibh mar a chuid fhèin. Ach a chionn ’s nach eil sibh dhen t-saoghal, ach gun do thagh mise sibh a-mach às an t-saoghal, air sgàth sin tha fuath aig an t-saoghal dhuibh. 20 Cuimhnichibh am facal a thuirt mi ribh: ‘Chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir.’ Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse cuideachd. Ma chùm iad m’ fhacal-sa, cumaidh iad ur facal-se cuideachd. 21 Ach na rudan seo gu lèir nì iad ribh air sgàth m’ ainm-sa, oir chan aithne dhaibh esan a chuir a-mach mi. 22 Mura bithinn-sa air tighinn agus air bruidhinn riutha, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh. A-nis, ge-tà, chan eil leisgeul aca airson an cuid peacaidh. 23 An neach aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dham Athair cuideachd. 24 Mura bithinn-sa air na h-obraichean a dhèanamh nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh; ach a-nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad an dà chuid mise agus m’ Athair. 25 Ach rinn iad seo airson ’s gun deigheadh am facal a choileanadh a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, ‘Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar.’ 26 “Ach nuair a thig an Neach-cuideachaidh a chuireas mise thugaibh on Athair, Spiorad na Fìrinn, a tha a’ tighinn a-mach on Athair, bheir esan fianais mum dheidhinn-sa. 27 Agus bheir sibhse fianais cuideachd, a chionn ’s gu bheil sibh air a bhith còmhla rium on toiseach.

16

1 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson ’s nach tuislich sibh. 2 Cuiridh iad às an t-sionagog sibh; dha-rìribh tha an uair a’ tighinn nuair a shaoileas ge b’ e cò a mharbhas sibh gu bheil e a’ tairgse seirbheis do Dhia. 3 Agus nì iad na rudan seo air sgàth ’s nach b’ aithne dhaibh an t-Athair, no mise. 4 Ach tha mi air na rudan seo a ràdh ribh airson ’s, nuair a thig an uair, gun cuimhnich sibh gun do dh’innis mi dhuibh iad. Cha tuirt mi na rudan seo ribh on toiseach, a chionn ’s gun robh mi còmhla ribh.” Obair an Spioraid Naoimh 5 “Ach a-nis tha mi a’ dol thuigesan a chuir a-mach mi, agus chan eil aon agaibhse a’ faighneachd dhomh, ‘Càit a bheil thu a’ dol?’ 6 Ach a chionn ’s gun tuirt mi na rudan seo ribh, tha bròn air ur cridhe a lìonadh. 7 Ach tha mi ag innse na fìrinn dhuibh: is ann gu ur buannachd a tha e gu bheil mise a’ falbh. Oir mura falbh mi, cha tig an Neach-cuideachaidh thugaibhse; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan thugaibh. 8 Agus nuair a thig esan, dìtidh e an saoghal a thaobh peacaidh agus fìreantachd agus breitheanais: 9 a thaobh peacaidh, a chionn ’s nach eil iad a’ creidsinn annamsa; 10 a thaobh fìreantachd, a chionn ’s gu bheil mi a’ dol gum Athair, agus nach faic sibh nas mò mi; 11 a thaobh bhreitheanais, a chionn ’s gu bheil riaghladair an t-saoghail seo air a dhìteadh. 12 “Tha tòrr rudan agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn dhuibh an giùlain an-dràsta. 13 Ach nuair a thig esan, Spiorad na Fìrinn, treòraichidh e sibh a-steach dha gach fìrinn. Oir cha bhruidhinn e uaithe fhèin; ach ge b’ e dè a chluinneas e, canaidh e, agus cuiridh e an cèill dhuibhse na tha ri thighinn. 14 Glòraichidh esan mise, oir gabhaidh e dhem chuid-sa agus cuiridh e an cèill dhuibhse e. 15 A h-uile rud a th’ aig an Athair, is ann leamsa a tha e; b’ ann air an adhbhar sin a thuirt mi gun gabh e dhem chuid-sa, agus gun cuir e an cèill dhuibhse e. 16 “Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a-rithist ùine bheag, agus chì sibh mi.”Tionndaidhidh bròn nan deisciobal gu aoibhneas 17 Mar sin thuirt cuid dhe a dheisciobail ri chèile, “Dè a tha seo a tha e ag ràdh rinn, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a-rithist ùine bheag, agus chì sibh mi,’ agus ‘A chionn ’s gu bheil mi a’ dol gum Athair’?” 18 Mar sin bha iad ag ràdh, “Dè a tha e a’ ciallachadh le ‘ùine bheag’? Chan aithne dhuinne dè a tha e ag ràdh.” 19 B’ aithne do dh’Ìosa gun robh iad ag iarraidh a cheasnachadh; mar sin thuirt e riutha, “An e seo a bha sibh a’ faighneachd nur measg fhèin, dè a bha mi a’ ciallachadh nuair a thuirt mi, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a-rithist ùine bheag, agus chì sibh mi’? 20 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan sibhse caoineadh is caoidh, ach nì an saoghal aoibhneas. Bidh sibhse brònach, ach tionndaidhidh ur bròn gu aoibhneas. 21 Nuair a tha leanabh aig boireannach, bidh i fo bhròn a chionn ’s gu bheil a h-uair air tighinn, ach nuair a tha i air an leanabh a’ thoirt a-steach dhan t-saoghal, cha chuimhnich i air a h-àmhghar tuilleadh, air sgàth an aoibhneis gun do rugadh leanabh a-steach dhan t-saoghal. 22 Mar sin, cuideachd, tha sibh brònach a-nis, ach chì mise a-rithist sibh agus nì ur cridhe aoibhneas, agus cha toir neach sam bith ur n-aoibhneas uaibh. 23 Air an latha sin chan iarr sibh rud sam bith ormsa. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b’ e dè a dh’iarras sibh air an Athair nam ainm-sa, gun toir e dhuibh e. 24 Gus a seo cha do dh’iarr sibh rud sam bith nam ainm-sa. Iarraibh, agus gheibh sibh, airson ’s gum bi ur n-aoibhneas làn. 25 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh ann an samhlaidhean. Thig an uair anns nach bruidhinn mi tuilleadh ribh ann an samhlaidhean, ach innsidh mi gu soilleir dhuibh mun Athair. 26 Air an latha sin iarraidh sibh nam ainm-sa, agus chan eil mi ag ràdh ribh gun iarr mise air an Athair air ur son, 27 oir tha gràdh aig an Athair fhèin oirbh, a chionn ’s gun tug sibh gràdh dhòmhsa agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi. 28 Thàinig mi on Athair agus tha mi air tighinn a-steach dhan t-saoghal; agus a-nis tha mi a’ fàgail an t-saoghail agus a’ dol chun an Athar.” 29 Thuirt a dheisciobail ris, “A-nis tha thu a’ bruidhinn gu soilleir agus chan eil thu a’ cleachdadh samhla. 30 A-nis tha fios againn gur aithne dhut a h-uile rud agus nach feum thu duine sam bith a bhith gad cheasnachadh; is ann air sgàth seo a tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.” 31 Fhreagair Ìosa iad, “A bheil sibh a-nis a’ creidsinn? 32 Seallaibh, tha uair a’ tighinn, dha-rìribh tha e air tighinn mu thràth, anns am bi sibh air ur sgapadh, gach aon gu a chuid fhèin. Fàgaidh sibh mise nam aonar. Ach chan eil mi nam aonar, oir tha an t-Athair còmhla rium. 33 “Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson ’s gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t-saoghal bidh àmhghar agaibh. Ach biodh deagh mhisneachd agaibh! Thug mise buaidh air an t-saoghal.”

17

Ìosa ag ùrnaigh air a shon fhèin 1 Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh, sheall e suas gu nèamh agus thuirt e, “Athair, thàinig an uair. Glòraich do Mhac, airson ’s gun glòraich do Mhac thusa. 2 Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson ’s gun toireadh e a’ bheatha shìorraidh dha na h-uile a thug thu dha. 3 Agus is i seo a’ bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t-aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a-mach, Ìosa Crìosd. 4 Ghlòraich mise thusa air thalamh, às dèidh dhomh an obair a choileanadh a thug thu dhomh ri dèanamh. 5 Agus a-nis, Athair, glòraich thusa mise cuide riut fhèin leis a’ ghlòir a bha agam còmhla riut mun robh an saoghal ann.”Ìosa ag ùrnaigh airson a dheisciobal 6 “Dh’fhoillsich mise d’ ainm dha na daoine a thug thu dhomh a-mach às an t-saoghal. b’ ann leatsa a bha iad agus thug thu dhòmhsa iad agus chùm iad d’ fhacal. 7 A-nis tha fios aca gur ann uatsa a tha a h-uile rud a thug thu dhòmhsa. 8 Oir tha mi air na briathran a thug thusa dhomh a thoirt dhaibh, agus tha iad air an sealbhachadh agus air tighinn gus a bhith a’ tuigsinn, ann am fìrinn, gun tàinig mi uatsa, agus tha iad air creidsinn gur tusa a chuir a-mach mi. 9 Tha mi ag ùrnaigh air an son-san. Chan eil mi ag ùrnaigh airson an t-saoghail, ach air an son-san a thug thu dhomh; oir is ann leatsa a tha iad. 10 Is ann leatsa a tha a h-uile rud as leamsa, agus is ann leamsa a tha na rudan as leatsa, agus tha mi air mo ghlòrachadh annta. 11 Chan eil mise tuilleadh anns an t-saoghal, ach tha iadsan anns an t-saoghal, agus tha mise a’ tighinn thugadsa. Athair naoimh, cùm iadsan nad ainm, a tha thu air a thoirt dhòmhsa, airson ’s gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne. 12 Fhad ’s a bha mise còmhla riutha, chùm mi iad nad ainm-sa, a tha thu air a thoirt dhomh. Tha mi air an gleidheadh, agus cha deach aon dhiubh a chall ach mac an sgrios, airson ’s gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh. 13 “Ach a-nis tha mi a’ tighinn thugadsa, agus tha mi ag ràdh nan rudan seo anns an t-saoghal, airson ’s gum faod m’ aoibhneas a bhith air a choileanadh annta fhèin. 14 Tha mi air d’ fhacal a thoirt dhaibh, agus bha fuath aig an t-saoghal dhaibh a chionn ’s nach ann dhen t-saoghal a tha iad, dìreach mar nach eil mise dhen t-saoghal. 15 Chan eil mi ag iarraidh gun toir thu às an t-saoghal iad, ach gun cùm thu iad on aon a tha olc. 16 Chan eil iadsan dhen t-saoghal, dìreach mar nach eil mise dhen t-saoghal. 17 Naomhaich iad anns an fhìrinn; is e d’ fhacal-sa an fhìrinn. 18 Mar a chuir thusa mise a-steach dhan t-saoghal, mar sin chuir mise iadsan a-steach dhan t-saoghal. 19 Agus air an son-san tha mise gam naomhachadh fhèin, airson ’s gum bi iadsan cuideachd air an naomhachadh ann am fìrinn.”Ìosa ag ùrnaigh airson a h-uile creidmheach 20 “Chan eil mi ag ùrnaigh air an son-san a-mhàin, ach cuideachd airson na feadhna sin a chreideas annamsa tro am facal-san, 21 airson ’s gum bi iad uile nan aon; dìreach mar a tha thusa, Athair, annamsa, agus mise annadsa, gum bi iadsan cuideachd annainne, airson ’s gun creideadh an saoghal gun do chuir thusa a-mach mi. 22 Thug mise dhaibhsan a’ ghlòir a thug thusa dhòmhsa, airson ’s gum faod iad a bhith nan aon mar a tha sinne nar n-aon. 23 Mise anntasan, agus thusa annamsa, airson ’s gun tigeadh iad gus a bhith nan aon gu coileanta, airson ’s gun urrainn fios a bhith aig an t-saoghal gun do chuir thusa a-mach mi agus gun do ghràdhaich thu iadsan mar a ghràdhaich thu mise. 24 “Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson ’s gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn ’s gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t-saoghail a stèidheachadh. 25 “O Athair ionraic, fiù ’s ged nach aithne dhan t-saoghal thusa, is aithne dhòmhsa thu, agus is aithne dhan fheadhainn seo gun do chuir thusa a-mach mi. 26 Dh’fhoillsich mise d’ ainm dhaibh, agus cumaidh mi orm ga fhoillseachadh, airson ’s gum bi an gràdh leis an do ghràdhaich thu mise anntasan, agus mise annta.”

18

Ìosa air a chur an grèim 1 Nuair a bha Ìosa air na rudan seo a ràdh chaidh e a-mach còmhla ri a dheisciobail thairis air Gleann Chedroin, far an robh gàrradh, dhan deach e fhèin agus a dheisciobail a-steach. 2 A-nis b’ aithne do dh’Iùdas, a bhrath esan, an t-àite, oir bu tric a choinnich Ìosa an sin còmhla ri a dheisciobail. 3 Mar sin, às dèidh do dh’Iùdas buidheann de shaighdearan agus de sheirbheisich fhaighinn o na h-àrd-shagartan agus na Pharasaich, thàinig iad an sin le lanntairean, agus leusan , agus armachd. 4 Mar sin, agus fios aige air a h-uile rud a thachradh dha, chaidh Ìosa air adhart, agus thuirt e riutha, “Cò a tha sibh a’ lorg?” 5 Fhreagair iadsan e, “Ìosa o Nàsaret.” Thuirt Ìosa riutha, “Is mise e.” Agus sheas Iùdas, a bhrath esan, còmhla riutha. 6 Nuair a thuirt e riutha, “Is mise e,” tharraing iad air ais, agus thuit iad chun na talmhainn. 7 Mar sin dh’fhaighnich e dhaibh a-rithist, “Cò a tha sibh a’ lorg?” Agus thuirt iadsan, “Ìosa o Nàsaret.” 8 Fhreagair Ìosa, “Dh’innis mi dhuibh gur mise e. Mar sin, mas e mise a tha sibh a’ lorg, leigibh leotha seo falbh.” 9 Bha seo airson ’s gun deigheadh am facal a choileanadh a bha e air a ràdh, “Dhen fheadhainn a thug thu dhomh cha do chaill mi aon.” 10 An uair sin, a chionn ’s gun robh claidheamh aig Sìmon Peadar, tharraing e e agus bhuail e seirbheiseach an àrd-shagairt, agus gheàrr e a’ chluas dheas dheth. (B’ e ainm an t-seirbheisich Malchus.) 11 Mar sin thuirt Ìosa ri Peadar, “Cuir do chlaidheamh dhan truaill! An cupa a thug m’ Athair dhòmhsa, nach òl mi e?”Ìosa air a thoirt gu Annas 12 Mar sin rug a’ bhuidheann de shaighdearan, agus an caiptean aca agus seirbheisich nan Iùdhach, air Ìosa agus cheangail iad e. 13 An toiseach thug iad leotha e gu Annas, oir b’ esan athair-cèile Chaiaphais, a bha na àrd-shagart air a’ bhliadhna sin. 14 B’ e Caiaphas a thug comhairle dha na h-Iùdhaich gun robh e na b’ fheàrr nam faigheadh aon duine bàs airson an t-sluaigh.Ciad àicheadh Pheadair 15 Lean Sìmon Peadar agus deisciobal eile Ìosa. B’ aithne dhan àrd-shagart an deisciobal sin agus chaidh e a-steach do chùirt an àrd-shagairt còmhla ri Ìosa, 16 ach sheas Peadar a-muigh, aig an doras. Mar sin, chaidh an deisciobal eile sin a b’ aithne dhan àrd-shagart a-mach agus bhruidhinn e ris a’ bhan-dorsair agus thug e Peadar a-steach. 17 Thuirt a’ bhana-sheirbheiseach aig an doras ri Peadar, “’S e aon de dheisciobail an duine seo a th’ annadsa cuideachd, nach e?” Thuirt esan, “Chan e.” 18 A-nis bha na tràillean agus na seirbheisich air teine guail-fiodha a dhèanamh, a chionn ’s gun robh i fuar, agus bha iad nan seasamh ’s gam blàthachadh fhèin. Bha Peadar cuideachd na sheasamh còmhla riutha, agus ga bhlàthachadh fhèin.An t-àrd-shagart a’ ceasnachadh Ìosa 19 An uair sin cheasnaich an t-àrd-shagart Ìosa mu a dheisciobail agus mu a theagasg. 20 Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t-saoghal. Tha mi an-còmhnaidh air teagasg anns an t-sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h-Iùdhaich gu lèir a’ tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair. 21 Carson a tha thu gam cheasnachadh? Ceasnaich iadsan a chuala na thuirt mi riutha; tha fios acasan dè a thubhairt mi.” 22 Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, bhuail aon dhe na seirbheisich, a bha na sheasamh faisg air làimh, Ìosa anns an aghaidh, ag ràdh, “An ann mar seo a fhreagras tu an t-àrd-shagart?” 23 Fhreagair Ìosa esan, “Ma tha mi air bruidhinn gu ceàrr, thoir fianais mun rud a bha ceàrr. Ach ma tha na thubhairt mi ceart, carson a tha thu gam bhualadh?” 24 Chuir Annas an uair sin ceangailte e gu Caiaphas an t-àrd-shagart.Dara agus treas àicheadh Pheadair 25 A-nis bha Sìmon Peadar na sheasamh ga bhlàthachadh fhèin. Mar sin thuirt iad ris, “’S e aon dhe a dheisciobail a th’ annadsa cuideachd, nach e?” Dh’àicheidh esan e agus thuirt e, “Chan e.” 26 Thuirt aon de sheirbheisich an àrd-shagairt, a bha càirdeach dhan fhear dhen do gheàrr Peadar a chluas, “Chunnaic mise thu anns a’ ghàrradh còmhla ris, nach fhaca?” 27 Dh’àich Peadar a-rithist e, agus anns a’ bhad ghairm an coileach.Ìosa mu choinneamh Phìlait 28 An uair sin thug iad Ìosa o Chaiaphas gu prìomh-àros an riaghladair. Bha e tràth sa mhadainn. Cha deach iad fhèin a-steach dhan phrìomh-àros, airson ’s nach biodh iad air an truailleadh, ach gun deigheadh aca air a’ Chàisg ithe. 29 Mar sin chaidh Pìlat a-mach thucasan agus thuirt e, “Gu dè a’ chasaid a tha sibh a’ toirt an aghaidh an duine seo?” 30 Fhreagair iadsan, “Mura b’ e fear a bha a’ dèanamh ghnìomhan olca a bh’ ann, cha bhiodh sinne air a thoirt thairis dhutsa.” 31 Thuirt Pìlat riutha, “Gabhadh sibhse e agus thugaibh breith air a rèir ur lagha fhèin.” Thuirt na h-Iùdhaich ris, “Chan eil e ceadaichte dhuinne neach sam bith a chur gu bàs.” 32 Thachair seo airson ’s gum biodh facal Ìosa air a choileanadh – a thuirt e a’ comharrachadh dè an seòrsa bàis leis an robh e a’ dol a bhàsachadh. 33 Mar sin chaidh Pìlat a-steach dhan phrìomh-àros aige a-rithist agus ghairm e air Ìosa, agus thuirt e ris, “An tusa Rìgh nan Iùdhach?” 34 Fhreagair Ìosa, “A bheil thu ag ràdh seo uat fhèin, no an tuirt daoine eile riut e mum dheidhinn?” 35 Fhreagair Pìlat, “An e Iùdhach a th’ annamsa? Thug do nàisean fhèin, agus na h-àrd-shagartan, thairis dhòmhsa thu. Dè a rinn thu?” 36 Fhreagair Ìosa, “Chan ann on t-saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa. Nam b’ ann on t-saoghal seo a bha mo rìoghachd, bha mo sheirbheisich air a bhith a’ cogadh, airson ’s nach deigheadh mo thoirt thairis dha na h-Iùdhaich. Ach mar a tha, chan ann à seo a tha mo rìoghachd.” 37 An uair sin thuirt Pìlat ris, “Mar sin, ’s e rìgh a th’ annad?” Fhreagair Ìosa, “Tha thusa ag ràdh gur e rìgh a th’ annam. Is ann air an adhbhar seo a rugadh mi agus air an adhbhar seo a tha mi air tighinn a-steach dhan t-saoghal, airson ’s gun toirinn fianais air an fhìrinn. Èistidh gach neach a tha dhen fhìrinn rim ghuth-sa.” 38 Thuirt Pìlat ris, “Gu dè a th’ anns an fhìrinn?” Agus às dèidh dha seo a ràdh, chaidh e a-mach a-rithist gu na h-Iùdhaich, agus thuirt e riutha, “Chan eil mise a’ faighinn ciont sam bith ann. 39 Ach tha cleachdadh agaibhse gun leiginn mu sgaoil duine dhuibh aig a’ Chàisg. A bheil sibh mar sin ag iarraidh gun leiginn mu sgaoil Rìgh nan Iùdhach dhuibh?” 40 Mar sin dh’èigh iadsan uile a-mach a-rithist, “Chan e an duine seo, ach Barabas!” A-nis b’ e fear ar-a-mach a bh’ ann am Barabas.

19

Ìosa fo bhinn a bhith air a cheusadh 1 An uair sin ghlac Pìlat Ìosa, agus sgiùrs e e. 2 Agus shnìomh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e. Chuir iad aodach uachdair purpaidh air, 3 agus thòisich iad air tighinn suas thuige ag ràdh, “Fàilte ort, a Rìgh nan Iùdhach!” agus air a bhualadh. 4 Chaidh Pìlat a-mach a-rithist, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha mi ga thoirt a-mach thugaibh airson ’s gum bi fios agaibh nach eil mise a’ faighinn ciont sam bith ann.” 5 Thàinig Ìosa an uair sin a-mach agus an crùn droighinn air, agus an t-aodach uachdair purpaidh air. Agus thuirt Pìlat riutha, “Seallaibh an duine!” 6 Mar sin, nuair a chunnaic na h-àrd-shagartan agus na seirbheisich e, dh’èigh iad, “Ceus e, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “Gabhaibh fhèin e agus ceusaibh e, oir chan eil mise a’ faighinn ciont sam bith ann.” 7 Fhreagair na h-Iùdhaich e, “Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha-ne bu chòir dha bàsachadh, a chionn ’s gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.” 8 Mar sin, nuair a chuala Pìlat na briathran sin, bu mhotha buileach a bha an t-eagal air, 9 agus chaidh e a-steach a-rithist dhan phrìomh-àros, agus thuirt e ri Ìosa, “Cò às a tha thu?” Ach cha tug Ìosa freagairt dha. 10 Mar sin thuirt Pìlat ris, “Nach eil thu a’ bruidhinn rium? Nach eil fios agad gu bheil ùghdarras agamsa do shaoradh, agus ùghdarras do cheusadh?” 11 Fhreagair Ìosa, “Cha bhiodh ùghdarras sam bith idir agad thairis ormsa mura deigheadh a thoirt dhut on àirde. Mar sin, an neach a thug thairis mise dhut, tha am peacadh as motha aigesan.” 12 On àm sin suas shir Pìlat cothrom airson a chur mu sgaoil, ach dh’èigh na h-Iùdhaich, “Ma leigeas tu am fear seo mu sgaoil, chan e caraid do Chèasar a th’ annad: ge b’ e neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ dol an aghaidh Chèasair.” 13 Mar sin, nuair a chuala Pìlat na faclan seo, thug e a-mach Ìosa, agus shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, aig àite ris an canar An Cabhsair Cloiche (ach ann an Eabhra, Gabata). 14 A-nis b’ e Latha Ullachaidh na Càisge a bh’ ann, mu mheadhan-latha. Agus thuirt e ris na h-Iùdhaich, “Seallaibh ur Rìgh.” 15 Ach dh’èigh iadsan a-mach, “Air falbh leis, air falbh leis, ceus e!” Thuirt Pìlat riutha, “An ceus mi ur Rìgh-se?” Fhreagair na h-àrd-shagartan, “Chan eil rìgh againne ach Cèasar.” 16 Mar sin an uair sin thug e thairis dhaibh e airson a bhith air a cheusadh.An ceusadh 17 agus chaidh e a-mach a’ giùlain a’ chroinn-cheusaidh leis fhèin, dhan àite ris an canar Àite a’ Chlaiginn (a th’ air ainmeachadh anns an Eabhra Golgota). 18 An sin cheus iad e, agus dithis eile còmhla ris, fear air gach taobh, agus Ìosa anns a’ mheadhan. 19 Sgrìobh Pìlat tiotal cuideachd agus chuir e air a' chrann-cheusaidh e. Agus b’ e an sgrìobhadh ÌOSA O NÀSARET, RÌGH NAN IÙDHACH. 20 Mar sin leugh mòran dhe na h-Iùdhaich an tiotal seo, oir bha an t-àite anns an deach Ìosa a cheusadh faisg air a’ bhaile, agus bha e air a sgrìobhadh ann an Eabhra, ann an Laidinn agus ann an Greugais. 21 Mar sin thuirt àrd-shagartan nan Iùdhach ri Pìlat, “Na sgrìobh ‘Rìgh nan Iùdhach’ ach gun tuirt e fhèin, ‘Is mi Rìgh nan Iùdhach’.” 22 Fhreagair Pìlat, “An rud a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.” 23 An uair sin, nuair a bha na saighdearan air Ìosa a cheusadh, ghabh iad an t-aodach uachdair aige, agus rinn iad ceithir pàirtean dheth, pàirt dha gach saighdear, agus an lèine-fhada aige anns an aon dòigh, agus bha an lèine-fhada gun a fuaigheal, air a fighe on mhullach sìos gu h-iomlan. 24 Mar sin thuirt iad ri càch-a-chèile, “Na sracamaid i, ach tilgeamaid croinn air a son, airson faicinn cò leis a bhitheas i.” Bha seo airson ’s gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh, a tha ag ràdh, “Roinn iad m’ aodach uachdair eatarra, agus thilg iad croinn airson m’ aodaich.” Mar sin rinn na saighdearan na rudan seo. 25 Ach faisg air crann-ceusaidh Ìosa sheas a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Màiri bean Chleòphais, agus Màiri Magdalen. 26 Nuair a chunnaic Ìosa a mhàthair agus an deisciobal a bu ghràdhach leis na sheasamh an làthair, thuirt e ri a mhàthair, “A bhoireannaich, seall do mhac!” 27 An uair sin thuirt e ris an deisciobal, “Seall do mhàthair.” Agus on uair sin a-mach thug an deisciobal sin leis i còmhla ris fhèin.Bàs Ìosa 28 Às dèidh seo, agus fios aig Ìosa gun robh a h-uile rud a-nis air a chrìochnachadh, airson ’s gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh, thuirt e, “Tha am pathadh orm.” 29 Bha soitheach na sheasamh an sin làn de dh’fhìon-geur, agus mar sin chuir iad spong làn dhen fhìon-gheur air hiosop, agus shìn iad suas gu a bheul e. 30 Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon-geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad. 31 A chionn ’s gum b’ e Latha an Ullachaidh a bh’ ann, agus airson ’s nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t-Sàbaid (oir b’ e latha mòr a bh’ anns an latha Sàbaid sin), dh’iarr na h-Iùdhaich air Pìlat gun deigheadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun deigheadh an toirt air falbh. 32 Mar sin thàinig na saighdearan agus bhris iad luirgnean a’ chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a chaidh a cheusadh còmhla ris. 33 Ach nuair a thàinig iad gu Ìosa, agus a chunnaic iad gun robh e marbh mu thràth, cha do bhris iad na luirgnean aigesan. 34 Ach lot aon dhe na saighdearan a chliathaich le sleagh, agus anns a’ bhad thàinig fuil agus uisge a-mach. 35 Agus thug an neach a chunnaic sin fianais, agus tha an fhianais fìrinneach. Agus tha fios aige gu bheil e ag innse na fìrinn, airson ’s gun creideadh sibhse cuideachd. 36 Oir thachair na rudan seo airson ’s gun deigheadh an Sgriobtar a choileanadh: “Cha bhi aon dhe a chnàmhan air a bhriseadh,” 37 agus a-rithist tha Sgriobtar eile ag ràdh, “Coimheadaidh iad airsan a lot iad.” Adhlacadh Ìosa 38 Às dèidh nan rudan seo, dh’fhaighnich Iòsaph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Ìosa, ach gu dìomhair a chionn ’s gun robh eagal air o na h-Iùdhaich) do Phìlat am faodadh e corp Ìosa a thoirt leis, agus cheadaich Pìlat sin dha. Mar sin thàinig e agus thug e leis corp Ìosa. 39 Anns an aon dòigh thàinig Nicodèmus (a bh’ air tighinn gu Ìosa na bu tràithe, air an oidhche), agus thug e leis mu thrithead ’s a trì cileagram de mhirr agus de dh’alo air am measgachadh. 40 Mar sin ghabh iad corp Ìosa agus shuain iad e ann an stiallan anairt, còmhla ri na spìosraidhean, mar a tha na chleachdadh aig na h-Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh. 41 A-nis anns an àite far an deach a cheusadh bha gàrradh, agus anns a’ ghàrradh bha tuam ùr, anns nach deach duine sam bith a chur fhathast. 42 Mar sin, air sgàth Latha Ullachaidh Càisg nan Iùdhach, on a bha an tuam faisg air làimh, chuir iad Ìosa an sin.

20

An tuam falamh 1 A-nis air a’ chiad latha dhen t-seachdain thàinig Màiri Magdalen chun an tuaim, tràth sa mhadainn, fhad ’s a bha i fhathast dorcha, agus chunnaic i gun robh a’ chlach air a toirt air falbh on tuam. 2 Mar sin ruith i agus thàinig i gu Sìmon Peadar, agus an deisciobal eile a bu ghràdhach le Ìosa, agus thuirt i riutha, “Tha iad air an Tighearna a thoirt leotha às an tuam, agus chan eil fios againn càit an do chuir iad e.” 3 Mar sin chaidh Peadar a-mach agus an deisciobal eile, agus bha iad a’ dol chun an tuaim. 4 Agus bha an dithis aca a’ ruith còmhla, ach ruith an deisciobal eile na bu luaithe na Peadar, agus thàinig e chun an tuaim an toiseach. 5 Agus a’ cromadh sìos is a’ coimhead a-steach, chunnaic e na stiallan anairt nan laighe an sin, ach cha deach e a-steach. 6 An uair sin thàinig Sìmon Peadar ga leantainn agus chaidh e a-steach dhan tuam. Chunnaic e na stiallan anairt nan laighe an sin, 7 agus an clò-aodainn a bh’ air a cheann, chan ann na laighe còmhla ris na stiallan anairt, ach air leth air fhilleadh ann an aon àite. 8 An uair sin chaidh an deisciobal eile, a bh’ air tighinn an toiseach chun an tuaim, cuideachd a-steach agus chunnaic is chreid e. 9 Oir cha do thuig iad fhathast an Sgriobtar, gum feumadh esan èiridh o na mairbh.Ìosa a’ nochdadh ri Màiri Magdalen 10 An uair sin chaidh na deisciobail air ais gu an dachaighean fhèin, 11 ach sheas Màiri a’ caoineadh, air taobh a-muigh an tuaim, agus fhad ’s a bha i a’ caoineadh chrom i sìos airson coimhead a-steach dhan tuam. 12 Agus chunnaic i dà aingeal ann an geal nan suidhe far an robh corp Ìosa air laighe, aon aig a’ cheann, agus aon aig na casan. 13 Agus thuirt iadsan rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a’ caoineadh?” Thuirt i, “A chionn ’s gun tug iad air falbh mo Thighearna, agus nach eil fios agam càit an do chuir iad e.” 14 Nuair a thuirt i seo, thionndaidh i mun cuairt agus chunnaic i Ìosa na sheasamh, ach cha do dh’aithnich i gum b’ e Ìosa a bh’ ann. 15 Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, carson a tha thu a’ caoineadh? Cò a tha thu a’ lorg?” A’ smaoineachadh gum b’ e an gàirnealair a bh’ ann, thuirt i ris, “A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise air falbh e.” 16 Thuirt Ìosa rithe, “A Mhàiri.” Thionndaidh ise agus thuirt i ris ann an Eabhra, “A Rabòni!” (a tha a’ ciallachadh ‘Fhir-teagaisg’). 17 Thuirt Ìosa rithe, “Na cùm grèim orm, oir cha deach mi fhathast suas gum Athair. Ach thalla gu mo bhràithrean agus can riutha, ‘Tha mise a’ dol suas gum Athair-sa agus gu ur n-Athair-se, agus gu mo Dhia-sa agus ur Dia-se.’” 18 Dh’fhalbh Màiri Magdalen agus dh’innis i dha na deisciobail, “Chunnaic mi an Tighearna,” agus gun tuirt e na rudan seo rithe.Ìosa a’ nochdadh ri na deisciobail 19 Mar sin, air feasgar an latha sin fhèin, air a’ chiad latha dhen t-seachdain, agus na dorsan dùinte far an robh na deisciobail air eagal nan Iùdhach, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e riutha, “Sìth dhuibh!” 20 Agus nuair a bha e air sin a ràdh, sheall e dhaibh a làmhan agus a chliathaich. An uair sin bha aoibhneas air na deisciobail nuair a chunnaic iad an Tighearna. 21 Mar sin thuirt Ìosa riutha a-rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t-Athair a-mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur-se a-mach.” 22 Agus nuair a thuirt e seo, shèid e orra, agus thuirt e riutha, “Gabhaibh-se an Spiorad Naomh. 23 Ma bheir sibh mathanas pheacaidhean do neach sam bith, tha iad air am mathadh; ma chumas sibh air ais e, tha e air a chumail air ais.”Ìosa a’ nochdadh ri Tòmas 24 Ach cha robh Tòmas (ris an canar Didimus ), aon dhen dà fhear dheug, còmhla riutha nuair a thàinig Ìosa. 25 Mar sin thuirt na deisciobail eile ris, “Chunnaic sinne an Tighearna.” Ach thuirt esan riutha, “Mura faic mise làrach nan tàirnean na làmhan, agus mura cuir mi mo chorrag ann an làrach nan tàirnean, agus mura cuir mi mo làmh na chliathaich, cha chreid mi.” 26 Ochd latha às dèidh sin, bha na deisciobail a-rithist a-staigh, agus bha Tòmas còmhla riutha. Ged a bha na dorsan glaiste, thàinig Ìosa agus sheas e nam measg, agus thuirt e, “Sìth dhuibh.” 27 An uair sin thuirt e ri Tòmas, “Cuir do chorrag an seo, agus seall air mo làmhan. Sìn do làmh a-mach an seo agus cuir nam chliathaich i. Na bi mì-chreidmheach ach creidmheach.” 28 Fhreagair Tòmas e, “Mo Thighearna agus mo Dhia.” 29 Thuirt Ìosa ris, “A bheil thu air creidsinn a chionn ’s gum faca tu mi? Is beannaichte an fheadhainn nach fhaca, ach a chreid.” 30 Oir tha mòran de chomharraidhean mìorbhaileach eile ann a rinn Ìosa am fianais a dheisciobal nach eil sgrìobhte anns an leabhar seo. 31 Ach tha iad seo sgrìobhte airson ’s gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a’ creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm-san.

21

Ìosa agus an glacadh-èisg mìorbhaileach 1 Às dèidh seo nochd Ìosa e fhèin a-rithist dha na deisciobail aig Muir Thiberiais. Is ann san dòigh seo a nochd e e fhèin: 2 bha Sìmon Peadar, agus Tòmas (ris an canar Didimus) agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile dhe a dheisciobail, còmhla ri chèile. 3 Thuirt Sìmon Peadar riutha, “Tha mise a’ dol a dh’iasgach.” Thuirt iadsan ris, “Thig sinne còmhla riut.” Chaidh iad a-mach, agus chaidh iad dhan eathar, ach cha do ghlac iad rud sam bith an oidhche sin. 4 Nuair a bha an latha a’ briseadh, sheas Ìosa air a’ chladach, ach cha robh fios aig na deisciobail gum b’ e Ìosa a bh’ ann. 5 Mar sin thuirt Ìosa riutha, “A chlann, a bheil iasg sam bith agaibh?” Fhreagair iadsan e, “Chan eil.” 6 Agus thuirt esan riutha, “Tilgibh an lìon air an taobh a deas dhen eathar, agus lorgaidh sibh feadhainn.” Mar sin thilg iad e, agus a-nis cha b’ urrainn dhaibh a tharraing a-steach air sgàth lìonmhorachd an èisg. 7 Mar sin thuirt an deisciobal sin a bu ghràdhach le Ìosa ri Peadar, “Is e an Tighearna a th’ ann!” Mar sin nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bh’ ann, chuir e air a bhall aodaich uachdair (oir bha e rùisgte), agus thilg e e fhèin dhan mhuir. 8 Thàinig na deisciobail eile anns an eathar, a’ tarraing an lìn a bha làn de dh’èisg, oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall naochad meatair air falbh. 9 Mar sin, nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad teine guail-fiodha an sin, agus iasg air a chur air, agus aran. 10 Thuirt Ìosa riutha, “Thugaibh an seo cuid dhen iasg a tha sibh dìreach air a ghlacadh.” 11 Mar sin chaidh Sìmon Peadar suas agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de dh’èisg mhòra; ceud, caogad ’s a trì , agus ged a bha na h-uiread sin ann, cha deach an lìon a shracadh. 12 Thuirt Ìosa riutha, “Thigibh, agus gabhaibh bracaist.” Agus cha robh de dhànadas aig aon dhe na deisciobail faighneachd dha, “Cò thusa?” Oir b’ aithne dhaibh gur e an Tighearna a bh’ ann. 13 Thàinig Ìosa agus ghabh e an t-aran agus thug e dhaibh e, agus an t-iasg cuideachd. 14 B’ i seo a-nis an treas uair a chaidh Ìosa a nochdadh dha na deisciobail, às dèidh dha a bhith air a thogail o na mairbh.Ìosa ag ath-shuidheachadh Pheadair 15 Mar sin nuair a bha iad air am bracaist a chrìochnachadh, thuirt Ìosa ri Sìmon Peadar, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gaoil agad ormsa na iad sin?” Thuirt e ris, “Tha, a Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair e, “Beathaich m’ uain.” 16 Thuirt e ris a-rithist an dara h-uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gaol agad ormsa?” Thuirt esan ris, “Tha, a Thighearna, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair e, “Àraich mo chaoraich.” 17 Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn ’s gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h-uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich. 18 Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu na b’ òige, chuir thu d’ aodach ort fhèin agus choisich thu far am bu mhiann leat; ach nuair a bhios tu aosta, sìnidh tu a-mach do làmhan, agus cuiridh neach eile d’ aodach ort, agus bheir e thu an taobh nach eil thu a’ miannachadh.” 19 Thuirt e seo a’ ciallachadh dè an gnè bàis leis an toireadh e glòir do Dhia. Agus às dèidh dha seo a ràdh, thuirt e ris, “Lean mise!” 20 Thionndaidh Peadar agus chunnaic e an deisciobal a bu ghràdhach le Ìosa a’ leantainn (am fear a bha air sìneadh air ais air com Ìosa aig an t-suipeir, agus a thuirt ris, “A Thighearna, cò a nì brathadh ort?”). 21 Mar sin, nuair a chunnaic Peadar esan, thuirt e ri Ìosa, “A Thighearna, dè ma dheidhinn-san?” 22 Thuirt Ìosa ris, “Mas miann leamsa gum fan esan gus an tig mi, dè tha sin dhutsa? Lean thusa mise.” 23 Mar sin chaidh am facal seo a-mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs. Ach cha tuirt Ìosa ris nach faigheadh e bàs; b’ e a thubhairt e ach, “Mas i mo thoil-sa gum fan e gus an tig mi, dè tha sin dhutsa?” 24 Is e seo an deisciobal a tha a’ toirt fianais mu na rudan seo, agus a sgrìobh na rudan seo. Agus tha fios againne gu bheil an fhianais aige fìor. 25 A-nis tha mòran de rudan eile ann a rinn Ìosa cuideachd, agus nam b’ e is gum biodh iad uile air an sgrìobhadh, is i mo bharail-sa nach biodh àite anns an t-saoghal gu lèir airson na bhiodh sgrìobhte de leabhraichean.